Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 8:34 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

34 Agus ghairm e thuige an sluagh 's a dheisciobail, agus thuirt e riutha, “Mas e toil neach sam bith tighinn às mo dhèidh‑sa, àicheadh e e fhèin, is togadh e suas a chrann‑ceusaidh agus leanadh e mise.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

34 Agus air gairm an t‑sluaigh agus a dheisciobal da ionnsaigh, thubhairt e riu, Ge bè neach leis an àill teachd am dhèidh-sa, àicheadh e e fhèin, agus togadh e a chrann-ceusaidh, agus leanadh e mise.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

34 Agus air gairm an t‑sluaigh agus a dheisciobal da ionnsaigh, thubhairt e riu, Ge bè neach leis an àill teachd am dhèidh‐sa, àicheadh e e fhèin, agus togadh e a chrann‐ceusaidh, agus leanadh e mise.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

34 Ghairm e thuige an sluagh agus a dheisciobail, 's thuirt e riu, “Ma tha duine sam bith airson a dhol còmhla riumsa, feumaidh e e‑fhèin àicheadh, a chrann-ceusaidh a thogail, agus mise a leantainn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

34 ʼSa gairm an t-sluaigh maille ri dheisciopuil ga ionnsuidh, thuirt e riu: Ma ʼs aill le neach air bith mise leantuinn, aicheadhadh e e fhein, us togadh e chrois, agus leanadh e mi.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 8:34
43 Iomraidhean Croise  

Agus ge b' e cò nach tog a chrann‑ceusaidh agus nach lean mise, chan eil e airidh orm.


An uair sin thuirt Ìosa ri dheisciobail, “Mas e toil neach sam bith tighinn às mo dhèidh‑sa, àicheadh e e fhèin, is togadh e suas a chrann‑ceusaidh agus leanadh e mise.


Fhad 's a bha iad a' dol a‑mach, fhuair iad duine o Chirène, dham b' ainm Sìmon. Cho‑èignich iad an duine seo gus crann‑ceusaidh Ìosa a ghiùlain.


Agus a' coimhead air, ghràdhaich e e, agus thuirt e, “Tha aon rud a dhìth ort: thalla, reic na th' agad agus thoir dha na bochdan, agus bidh ionmhas agad air nèamh, agus trobhad 's lean mise.”


Ghairm e an sluagh gu lèir thuige a‑rithist is thuirt e riutha, “Èistibh riumsa, sibhse uile, agus tuigibh:


“Dèanaibh spàirn chruaidh airson a dhol a‑steach tron doras chumhang. Oir tha mi ag innse dhuibh gum feuch mòran ri dhol a‑steach agus cha bhi e an comas dhaibh.


Anns an aon dòigh, gach neach agaibhse nach trèig a h‑uile rud a th' aige, chan urrainn dha a bhith na dheisciobal dhòmhsa.


Nuair a chuala Ìosa seo, thuirt e ris, “Tha aon rud fhathast a dhìth ort. Reic a h‑uile rud a th' agad agus dèan roinn air am measg nam bochdan agus bidh ionmhas agad ann an nèamh, agus trobhad 's lean mise.”


An uair sin thuirt e ri a dheisciobail ann an èisteachd an t‑sluaigh gu lèir,


Agus thuirt e ris na h‑uile, “Mas e toil neach sam bith tighinn às mo dhèidh‑sa, àicheadh e e fhèin, is togadh e suas a chrann‑ceusaidh gach latha agus leanadh e mise.


Tha mo chaoraich‑sa ag èisteachd rim ghuth agus is aithne dhòmhsa iad, agus tha iad gam leantainn.


agus chaidh e a‑mach a' giùlain a' chroinn‑cheusaidh leis fhèin, dhan àite ris an canar Àite a' Chlaiginn (a th' air ainmeachadh anns an Eabhra Golgota).


a' neartachadh anman nan deisciobal, agus gam misneachadh gus a bhith a' leantainn orra sa chreideamh, agus ag ràdh gur ann tro iomadh àmhghar a dh'fheumas sinn a dhol a‑steach do rìoghachd Dhè.


Is aithne dhuinn gun deach ar seann fèin a cheusadh còmhla ris‑san airson 's gum biodh corp a' pheacaidh air a thoirt gu neoni, gus nach biodh sinn tuilleadh nar tràillean dhan pheacadh.


agus mas clann, mar sin oighreachan – oighreachan do Dhia agus co‑oighreachan cuide ri Crìosd, mas e 's gum fulaing sinn dha‑rìribh còmhla ris, airson 's gun tèid ar glòrachadh còmhla ris.


Tha mi a' dearbhadh, a bhràithrean, tron bhòstadh agam mur deidhinn ann an Crìosd Ìosa ar Tighearna; gu bheil mi a' bàsachadh a h‑uile latha.


Mar sin, ma tha biadh a' toirt air mo bhràthair tuisleadh, chan ith mi feòil a‑chaoidh, airson 's nach toir mi air mo bhràthair tuisleadh.


Oir ged a tha mi saor o na h‑uile, tha mi air mi fhèin a dhèanamh nam sheirbheiseach dha na h‑uile, airson 's gum buannaichinn barrachd dhiubh.


agus cha mhise tuilleadh a tha beò, ach Crìosd a tha beò annamsa. Agus a' bheatha a tha mi a‑nis a' caitheamh san fheòil tha mi a' caitheamh tro chreideamh ann am Mac Dhè, a thug gràdh dhomh agus a thug e fhèin seachad air mo shon.


A‑nis, iadsan a bhuineas do Chrìosd Ìosa, cheus iad an fheòil le a droch‑thograidhean 's a h‑ana‑miannan.


Ach na tachradh e gu bràth gum bòstainn‑sa, ach ann an crann‑ceusaidh ar Tighearna Ìosa Crìosd, 's ann troimhesan a tha an saoghal air a cheusadh dhòmhsa, agus mise dhan t‑saoghal.


airson 's gum bi eòlas agam airsan 's air cumhachd na h‑aiseirigh aige, 's air co‑chomann nam fulangasan aige, air mo dhèanamh nam cho‑coltas‑san na bhàs,


Ach ge b' e na rudan a bha nam buannachd dhòmhsa, mheas mi iad sin nan call air sgàth Chrìosd.


A‑nis tha mi a' dèanamh gàirdeachais nam fhulangasan air ur son‑se, agus nam fheòil tha mi a' coileanadh na tha a dhìth ann an àmhgharan Chrìosd air sgàth a chuirp‑san, is i an eaglais,


Mar sin cuiribh gu bàs na tha talmhaidh nur cuirp: feise mhì‑mhoralta, neòghlaine, boile, miann uilc, sannt, a tha na iodhal‑adhradh.


Oir tha sinn a' cluinntinn gu bheil cuid beò nur measg gu leisg, gun a bhith ag obair idir, ach nan gobairean.


gar teagasg cùl a chur ri mì‑dhiadhachd is ana‑miannan saoghalta, agus tighinn beò san t‑saoghal seo gu measarra is gu ceart is gu diadhaidh,


Air an adhbhar seo, rachamaid a‑mach thuigesan air taobh a‑muigh a' champa, a' giùlain a mhaslaidh‑san.


Mar sin seach gun do dh'fhuiling Crìosd san fheòil, armaichibh sib' fhèin cuideachd, leis an aon inntinn, oir an neach a dh'fhulaing san fheòil tha e deiseil dhen pheacadh,


ach san tomhas sa bheil sibh a' compairteachadh ann am fulangasan Chrìosd, dèanaibh gàirdeachas, gus an dèan sibh cuideachd gàirdeachas is aoibhneas aig foillseachadh a ghlòir‑san.


is fios agam gu bheil an t‑àm airson am pàillein seo a chur dhìom faisg, dìreach mar a rinn ar Tighearna Ìosa Crìosd soilleir dhomh.


'S e seo mar a tha fios againn dè a th' ann an gràdh; oir shìn esan sìos a bheatha air ar son. Agus bu chòir dhuinne ar beatha a shìneadh sìos airson nam bràithrean.


Na biodh eagal idir ort o na tha thu dol a dh'fhulang. Seall! Tha Sàtan gus cuid agaibh a thilgeil dhan phrìosan gus an tèid ur dearbhadh, agus bidh trioblaid agaibh airson deich latha. Bi dìleas gu bàs, agus bheir mi crùn na beatha dhut.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan