Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 8:23 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

23 Agus rug e air làimh air an duine dhall agus threòraich e a‑mach às a bhaile e, agus às dèidh dha smugaid a chur air a shùilean agus a làmhan a chur air, dh'fhaighnich e dha, “A bheil thu a' faicinn sìon?”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

23 Agus rug e air làimh an doill agus threòraich e a‑mach as a’ bhaile e; agus air dha a sheile a chur air a shùilean agus a làmhan a chur air, dh’fheòraich e dheth an robh e a’ faicinn nì air bith.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

23 Agus rug e air làimh an doill agus threòraich e a‑mach as a’ bhaile e; agus air dha a sheile a chur air a shùilean agus a làmhan a chur air, dh’fheòraich e dheth an robh e a’ faicinn nì air bith.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

23 Rug e air làimh air an duine dhall, 's threòraich e a‑mach ás a' bhaile e. Chuir e smugaid air a shùilean, bhean e ris le a làmhan, 's dh'fhaighnich e dheth, “A bheil thu a' faicinn dad?”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

23 ʼSa breith air laimh an doill, thug e mach as a bhaile e; ʼsa cur a shile air a shuilean, ʼsa cur a lamhan air, dhʼ fharraid e dheth, an robh e faicinn dad.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 8:23
12 Iomraidhean Croise  

Agus ghuidh e gu dùrachdach air, ag ràdh, “Tha mo nighean bheag ri uchd bàis. Thig, tha mi a' guidhe ort, agus cuir do làmhan oirre airson 's gun tèid a slànachadh, agus gum bi i beò.”


Ga thoirt gu aon taobh leis fhèin on t‑sluagh, chuir e a chorragan na chluasan, agus às dèidh smugaid a thilgeil, bhean e ri a theangaidh.


Agus choimhead e suas, is thuirt e, “Tha mi a' faicinn dhaoine; tha iad a' coimhead coltach ri craobhan a' coiseachd.”


Agus chuir e gu a dhachaigh fhèin e, ag ràdh, “Na rach fiù 's dhan bhaile.”


Rug an t‑àrd‑cheannard air a làimh, agus a' dol gu aon taobh dh'fhaighnich e dha, “Dè a th' agad ri innse dhomh?”


Dh'èirich Saul on talamh, agus ged a bha a shùilean fosgailte, chan fhaca e sìon. Mar sin threòraich iad air làimh e is thug iad gu Damascas e.


Chan ann a rèir a' chùmhnaint a rinn mi ris na h‑athraichean aca nuair a thug mi iad lem làimh airson an treòrachadh a‑mach à tìr na h‑Èipheit, oir cha do dh'fhan iad dìleas rim chùmhnant, agus cha robh cùram agam dhaibh, ars an Tighearna.


Tha mi gad chomhairleachadh gun ceannaich thu uam: òr a th' air a ghlanadh le teine gus am bi thu beairteach, agus badan aodaich gheala gus am bi thu air d' èideadh, agus nach bi nàire do lomnochd ri faicinn, agus ung do shùilean le acfhainn‑shùil gus am faic thu.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan