Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 8:22 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

22 Thàinig iad gu Betsaida, agus thug feadhainn thuige duine dall, agus ghuidh iad air gum beanadh e ris.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

22 Agus thàinig e gu Betsaida; agus thug iad da ionnsaigh duine dall, agus ghuidh iad air gum beanadh e ris.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

22 Agus thàinig e gu Betsaida; agus thug iad da ionnsaigh duine dall, agus ghuidh iad air gum beanadh e ris.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

22 Thàinig iad gu Betsaida. Thàinig feadhainn thuige le duine dall, agus ghuidh iad air gum beanadh e ris.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

22 Agus thainig iad gu Bethsaida, ʼs thug iad duine dall ga ionnsuidh, agus ghuidh iad air gum beanadh e dha.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 8:22
14 Iomraidhean Croise  

“Is mairg dhut, a Chorasin! Is mairg dhut, a Bhetsaida! Oir nan robh na h‑obraichean cumhachdach a chaidh a dhèanamh annaibhse air an dèanamh ann an Tìrus is ann an Sìdon, is fhada on a bhiodh iad air aithreachas a dhèanamh ann an sac‑aodach 's ann an luaithre.


agus ghuidh iad air airson 's gum faodadh iad beantainn fiù 's ri iomall aodaich. Agus na h‑uimhir 's a bhean dha, chaidh an leigheas.


Bhean e dhan làimh aice agus dh'fhàg am fiabhras i, agus dh'èirich i agus fhritheil i dha.


Agus shìn Ìosa a‑mach a làmh agus bhean e dha, ag ràdh, “Is miann leam. Bi glan!” Agus anns a' bhad bha an luibhre air a glanadh.


An uair sin bhean e dhan sùilean, ag ràdh, “A rèir ur creideimh biodh e air a dhèanamh dhuibh.”


Agus thàinig iad, a' toirt thuige fear air an robh a' phairilis, air a ghiùlain le ceathrar.


Oir bha e air mòran a leigheas, leis a' bhuil gun do theann iadsan uile ris air an robh tinneasan, airson 's gum beanadh iad ris.


Sa bhad thug e air a dheisciobail a dhol dhan eathar agus a dhol roimhe chun an taoibh thall, gu Betsaida, fhad 's a chuir e fhèin an sluagh air falbh.


“Is mairg dhut, a Chorasin! Is mairg dhut, a Bhetsaida! Oir nan robh na h‑obraichean cumhachdach a bh' air an dèanamh annaibhse air an dèanamh ann an Tìrus is ann an Sìdon, is fhada on a bhiodh iad air aithreachas a dhèanamh, nan suidhe ann an saic‑aodach 's ann an luaithre.


Agus nuair a thill na h‑abstoil, dh'innis iad dha na bha iad air a dhèanamh. Thug e leis iad agus chaidh e air leth dhan bhaile ris an canar Betsaida.


Bha Philip o Bhetsaida, baile Anndra agus Pheadair.


Mar sin thàinig iadsan gu Philip, a bha o Bhetsaida ann an Galile, agus dh'fhaighnich iad dha, “A thighearna, bu toigh leinn Ìosa fhaicinn.”


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan