Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 8:2 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

2 “Tha truas agam ris an t‑sluagh a chionn 's gu bheil iad air a bhith còmhla rium a‑nis trì latha agus nach eil sìon aca ri ithe.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

2 Tha truas mòr agam den t‑sluagh, do bhrìgh gun d’fhan iad a‑nis trì làithean maille rium, agus nach eil nì air bith aca ri ithe;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

2 Tha truas mòr agam den t‑sluagh, do bhrìgh gun d’fhan iad a‑nis trì làithean maille rium, agus nach eil nì air bith aca ri ithe;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

2 “Tha truas mòr agam ris an t‑sluagh, oir tha iad air a bhith còmhla rium trì là a‑nis, 's chan eil dad aca a dh'itheas iad.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

2 Tha truas agam ris an t-sluagh: oir, seall, tha iad air giulan leam cheana tri latha, ʼs cha n-eil ni aca a dhʼitheas iad:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 8:2
23 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a chaidh e air tìr chunnaic e sluagh mòr, agus bha truas aige dhaibh, agus shlànaich e an fheadhainn aca a bha tinn.


Ghabh Ìosa truas riutha, agus bhean e dha na sùilean aca, agus sa bhad fhuair iad am fradharc air ais, agus lean iad e.


Nuair a chunnaic e an sluagh, ghabh e truas riutha, a chionn 's gun robh iad sàraichte 's gun chuideachadh, mar chaoraich gun bhuachaille.


Agus air a lìonadh le truas, shìn e a‑mach a làmh agus bhean e ris, agus thuirt e, “Is miann leam. Bi glan!”


Ach cha do leig e leis, is thuirt e ris, “Thalla dhachaigh gu do chuideachd, agus innis dhaibh na rinn an Tighearna dhut, agus mar a rinn e tròcair ort.”


Agus chaidh iad air falbh san eathar gu àite fàsail leotha fhèin.


Nuair a chaidh e air tìr chunnaic e sluagh mòr, agus bha truas aige riutha, a chionn 's gun robh iad mar chaoraich gun bhuachaille. Agus thòisich e air mòran rudan a theagasg dhaibh.


Ma chuireas mi air falbh acrach iad gu an dachaighean, fannaichidh iad air an t‑slighe, agus tha cuid dhiubh air tighinn o astar fad' às.”


Agus tha e gu tric air a thilgeil dhan teine, agus dhan uisge, airson a sgrios. Ach mas urrainn dhut rud sam bith a dhèanamh, cuidich leinn agus gabh truas rinn.”


Mar sin dh'èirich e agus chaidh e gu athair. “Ach fhad 's a bha e fhathast fad' air falbh, chunnaic athair e agus ghabh e truas ris, agus ruith e, agus a' cur a ghàirdeanan timcheall air amhaich, phòg e e.


Nuair a chunnaic an Tighearna i, ghabh e truas rithe, agus thuirt e rithe, “Na bi a' caoineadh.”


Air an adhbhar sin, bha e mar fhiachaibh air a bhith air a dhèanamh coltach ri a bhràithrean sa h‑uile sìon, airson 's gum biodh e na àrd‑shagart tròcaireach agus dìleas anns na bhuineadh do Dhia, gus rèite a dhèanamh airson pheacaidhean an t‑sluaigh.


Oir chan eil àrd‑shagart againne nach urrainn co‑fhaireachdainn a nochdadh dhar laigsean; ach a chaidh a bhuaireadh anns gach rud coltach rinn fhèin, ach às aonais peacaidh.


Is urrainn dha truas a ghabhail riuthasan a tha aineolach 's air seachran, a chionn 's gu bheil e fhèin cuideachd air a chuartachadh le laigse.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan