Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 8:12 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

12 Agus ag osnaich gu domhainn na spiorad, thuirt e, “Carson a tha an ginealach seo a' sireadh chomharraidh? Gu deimhinn tha mise ag ràdh ribh nach tèid comharra a thoirt dhan ghinealach seo.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

12 Agus air dèanamh osna dhàsan na spiorad, thubhairt e, Carson a tha an ginealach seo ag iarraidh comharraidh? Gu deimhinn tha mise ag ràdh ribh nach toirear comharradh don ghinealach seo.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

12 Agus air dèanamh osna dhàsan na spiorad, thubhairt e, Carson a tha an ginealach seo ag iarraidh comharraidh? Gu deimhinn tha mise ag ràdh ribh nach toirear comharradh don ghinealach seo.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

12 Rinn e osna throm na spiorad, 's thuirt e, “Carson a tha an ginealach seo ag iarraidh comharra? Tha mi ag ràdh ruibh gu cinnteach nach fhaigh an ginealach seo comharra.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

12 ʼSa g-osnaich ʼna spiorad, thuirt e: Car-son a tha an ginealach so a g-iarraidh comharraidh? gu deimhinn tha mi g-radh ribh, nach toirear comharradh doʼn ghinealach so.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 8:12
15 Iomraidhean Croise  

An uair sin fhreagair cuid dhe na sgrìobhaichean agus dhe na Pharasaich e, ag ràdh, “Fhir‑Teagaisg, tha sinn ag iarraidh comharra fhaicinn uat.”


Tha ginealach olc agus adhaltranach ag iarraidh comharraidh, ach cha tèid comharra a thoirt dha, ach comharra Iònah.” Agus dh'fhàg e iad, agus chaidh e air falbh.


Sheall e mun cuairt orra le feirg, air a chràdh gu domhainn air sgàth cruas an cridhe, agus thuirt e ris an duine, “Sìn a‑mach do làmh.” Shìn e a‑mach i, agus chaidh a làmh aiseag slàn dha.


Agus ghabh e iongnadh mun eas‑creideamh. An uair sin chaidh e timcheall nam bailtean a' teagasg.


Agus a' coimhead suas gu nèamh rinn e osna agus thuirt e ris, “Ephphata!” (a tha a' ciallachadh, “Bi air d' fhosgladh!”).


Agus dh'fhàg e iad, agus às dèidh dha a dhol a‑steach dhan eathar a‑rithist, chaidh e chun an taoibh eile.


Agus fhreagair esan iad, “O a ghinealaich eas‑creidmhich, dè cho fada 's a bhios mi còmhla ribh? Dè cho fada 's a dh'fhuilingeas mi sibh? Thugaibh thugamsa e.”


Agus a' tighinn faisg, chunnaic e am baile is chaoin e air a shon


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan