Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 8:11 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

11 Thàinig na Pharasaich agus thòisich iad air argamaid ris, a' sireadh chomharraidh uaithe o nèamh, ga dhearbhadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

11 Agus thàinig na Pharasaich a‑mach: agus thòisich iad ri ceistean a chur air, ag iarraidh comharraidh uaithe o nèamh, ga dhearbhadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

11 Agus thàinig na Pharasaich a‑mach: agus thòisich iad ri ceistean a chur air, ag iarraidh comharraidh uaithe o nèamh, ga dhearbhadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

11 Thàinig na Pharasaich a‑mach, 's thòisich iad air conn-sachadh ris; bha iad ag iarraidh comharra o nèamh bhuaithe, 's iad a' feuchainn ri dhearbhadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

11 Agus thainig na Phairisich a mach, us thòisich iad ri cheasnachadh, a g-iarraidh comharraidh air bho neamh, ga bhuaireadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 8:11
27 Iomraidhean Croise  

An uair sin fhreagair cuid dhe na sgrìobhaichean agus dhe na Pharasaich e, ag ràdh, “Fhir‑Teagaisg, tha sinn ag iarraidh comharra fhaicinn uat.”


Agus thàinig Pharasaich thuige ga dhearbhadh, agus ag ràdh ris, “A bheil e laghail do dhuine a bhean a chur uaithe air adhbhar sam bith?”


Agus nuair a chaidh Ìosa a‑steach dhan teampall, thàinig na h‑àrd‑shagartan agus èildearan an t‑sluaigh thuige fhad 's a bha e a' teagasg, ag ràdh, “Dè an t‑ùghdarras a th' agad airson nan rudan seo a dhèanamh? Agus cò a thug dhut an t‑ùghdarras seo?”


An uair sin dh'fhalbh na Pharasaich agus ghabh iad comhairle còmhla a thaobh ciamar a dh'fhaodadh iad esan a ghlacadh na chainnt.


Ach, mothachail air am mì‑rùn, thuirt Ìosa, “Carson a tha sibh gam bhuaireadh, a chealgairean?


Air an latha sin fhèin thàinig Sadusaich thuige, a chanas nach eil aiseirigh ann, agus cheasnaich iad e,


Ach, a' tuigsinn an cuid cealgaireachd, thuirt e riutha, “Carson a tha sibh gam bhuaireadh? Thoiribh thugam bonn airgid agus leigibh leam coimhead air.”


Nuair a chunnaic na sgrìobhaichean agus na Pharasaich esan ag ithe còmhla ri peacaich agus ri cìs‑mhaoir, thuirt iad ri dheisciobail, “Carson a tha e ag ithe agus ag òl còmhla ri cìs‑mhaoir agus ri peacaich?”


Agus dh'fhaighnich e dhaibh, “Dè a tha sibh ag argamaid riutha mu dheidhinn?”


Agus seall, sheas fear‑lagha suas airson a dhearbhadh, ag ràdh, “Fhir‑Teagaisg, dè a nì mi airson 's gun sealbhaich mi a' bheatha shìorraidh?”


Agus, airson a dhearbhadh, bha feadhainn eile ag iarraidh comharra o nèamh air.


Mar sin thuirt Ìosa ris, “Mura faic sibh comharraidhean mìorbhaileach agus iongantasan cha chreid sibh.”


Mar sin thuirt iad ris, “Dè an comharra mìorbhaileach a nì thusa, ma‑thà, airson 's gum faic sinn agus gun creid sinn thu? Dè an obair a nì thu?


Cha do chreid aon sam bith dhe na riaghladairean, no dhe na Pharasaich ann, an do chreid?


Thuirt iad seo airson a dhearbhadh, airson 's gum biodh cùis‑chasaid aca na aghaidh. Ach chrom Ìosa sìos agus sgrìobh e le a chorraig air an talamh.


Ach thuirt Peadar rithe, “Carson a dh'aontaich sibh còmhla Spiorad an Tighearna a bhuaireadh? Seall, tha casan na feadhna a dh'adhlaic d' fhear aig an doras, agus giùlainidh iad thusa a‑mach cuideachd.”


Chan fhaod sinn Crìosd a bhuaireadh, mar a rinn cuid dhiubhsan agus a chaidh an sgrios le nathraichean.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan