Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 7:7 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

7 Is ann gu dìomhain a tha iad a' toirt adhraidh dhòmhsa, a' teagasg mar theagasg àitheantan dhaoine.’

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

7 Ach is ann gu dìomhain a tha iad a’ toirt adhraidh dhòmhsa, a’ teagasg àitheantan dhaoine mar theagasg.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

7 Ach is ann gu dìomhain a tha iad a’ toirt adhraidh dhòmhsa, a’ teagasg àitheantan dhaoine mar theagasg.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

7 is dìomhain an cuid adhraidh, oir tha iad a' teagasg riaghailtean dhaoine mar àithntean Dhè.’

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

7 Agus is faoin dhaibh a bhith toirt aoraidh dhomhsa, ʼs iad a teasgasg puingean us orduighean dhaoine.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 7:7
15 Iomraidhean Croise  

Is ann gu dìomhain a tha iad a' toirt adhraidh dhòmhsa, a' teagasg mar theagasg àithntean dhaoine.’”


Agus nuair a nì sibh ùrnaigh, na bithibh a' clabadaich mar a bhios na Cinnich, oir saoilidh iadsan gun tèid èisteachd riutha air sgàth lìonmhorachd an cainnte.


Agus mura deach Crìosd a thogail suas, mar sin tha ar searmonachadh dìomhain, agus tha ur creideamh‑se dìomhain cuideachd.


Mar sin, mo bhràithrean gràdhaichte, bithibh daingeann, neo‑ghluasadach, an‑còmhnaidh a' meudachadh ann an obair an Tighearna, is fios agaibh nach eil ur saothair dìomhain san Tighearna.


Thèid iadsan uile a‑mach à bith mar a tha iad air an cleachdadh, a rèir àitheantan is teagasgan dhaoine.


Ach seachain ceistean amaideach is sloinntearachd is connspaidean is argamaidean mun lagh. Tha iad gun tairbhe agus faoin.


Ma shaoileas neach sam bith gu bheil e cràbhach, agus nach cuir srian air a theangaidh, ach a tha a' mealladh a chridhe, tha diadhachd an duine sin dìomhain.


Am bu toigh leat fios fhaighinn, a dhuine amaideich, gu bheil creideamh às aonais obraichean gun fheum?


Tha mi a' toirt fianais dhan a h‑uile neach a chluinneas faclan fàidheadaireachd an leabhair seo: Ma chuireas neach sam bith riutha, cuiridh Dia ris‑san na plàighean a th' air an sgrìobhadh san leabhar seo.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan