Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 7:6 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

6 Agus thuirt e riutha, “Is math a rinn Isaiah fàidheadaireachd mur deidhinn, a bhreug‑chràbhaichean; mar a tha e sgrìobhte: “‘Tha an sluagh seo a' toirt urraim dhòmhsa lem bilean, ach tha an cridheachan fada uam.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

6 Ach fhreagair esan agus thubhairt e riu, Is math a rinn Esaias fàidheadaireachd mur timcheall-se, a chealgairean, a rèir mar tha e sgrìobhte, Tha am poball seo a’ toirt urraim dhòmhsa lem bilean, ach tha an cridhe fada uam.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

6 Ach fhreagair esan agus thubhairt e riu, Is math a rinn Esaias fàidheadaireachd mur timcheall‐se, a chealgairean, a rèir mar tha e sgrìobhte, Tha am poball seo a’ toirt urraim dhòmhsa lem bilean, ach tha an cridhe fada uam.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

6 Thuirt Iosa riu, “'S math an fhàisneachd a rinn Isaiah mur timcheall-sa, a chealgairean, oir tha e sgrìobhte: ‘Tha an sluagh seo a' toirt urraim dhomhsa lem bilean, ach tha an cridhe fada bhuam;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

6 Ach esan a freagairt, thuirt e riu: Is math a dhʼfhaisnich Isaias muʼr deidhinn, a chealgairean, mar tha e sgribhte: Tha ʼm pobull so toirt urraim dhomhsa leʼm bilean: ach tha an cridhe fada bhuam.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 7:6
14 Iomraidhean Croise  

Mura bithinn‑sa air na h‑obraichean a dhèanamh nam measg nach do rinn aon neach eile, cha bhiodh iad ciontach de pheacadh; ach a‑nis chunnaic iad, agus dh'fhuathaich iad an dà chuid mise agus m' Athair.


ach 's aithne dhomh sibh, nach eil gràdh Dhè agaibh annaibh fhèin.


Agus ag eas‑aontachadh nam measg fhèin, dh'fhàg iad às dèidh do Phòl aon rud a ràdh: “Bha an Spiorad Naomh ceart nuair a thuirt e ri ur n‑athraichean tron fhàidh Isaiah:


le cumadh diadhaidheachd, ach ag àicheadh a cumhachd; agus on leithidean sin tionndaidh air falbh.


Tha iad a' tagradh gun aithne dhaibh Dia, ach nan gnìomhan tha iad ga àicheadh, oir tha iad gràineil agus eas‑umhail agus gun fheum airson a h‑uile deagh obrach.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan