Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 7:5 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

5 Dh'fhaighnich na Pharasaich 's na sgrìobhaichean dha, “Carson nach eil do dheisciobail a' coiseachd a rèir dualchas nan èildearan, ach ag ithe arain le làmhan ‘neòghlan’?”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

5 An sin dh’fheòraich na Pharasaich agus na sgrìobhaichean dheth, Carson nach eil do dheisciobail ag imeachd a rèir beul-aithris nan seanairean, ach a tha iad ag ithe arain le làmhan gun ionnlaid?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

5 An sin dh’fheòraich na Pharasaich agus na sgrìobhaichean dheth, Carson nach eil do dheisciobail ag imeachd a rèir beul‐aithris nan seanairean, ach a tha iad ag ithe arain le làmhan gun ionnlaid?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

5 Dh'fhaighnich na Pharasaich agus na sgrìobhaichean dheth, “Carson nach eil do dheisciobail-sa a' dèanamh a‑rèir cleachdadh nan athraichean ach ag ithe 's gun an làmhan glan?”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

5 Agus dhʼfharraid na Phairisich ʼs na Sgriobhaich dheth: Car-son nach eil do dheisciopuil a g-imeachd air reir beul-aithris nan seanairean, ach a g-ithe arain le lamhan gun nighe?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 7:5
12 Iomraidhean Croise  

“Carson a bhios do dheisciobail a' briseadh dualchas nan èildear? Oir cha bhi iad a' nighe an làmhan nuair a dh'itheas iad aran.”


a' cur Facal Dhè an neo‑bhrìgh tro ur dualchas a tha sibhse a' toirt seachad. Agus tha sibh a' dèanamh mòran rudan dhen t‑seòrsa sin.”


“Tha sibh a' trèigsinn àithne Dhè agus a' cumail ri dualchas dhaoine.”


Agus thuirt e riutha, “Tha dòigh mhath agaibh air àithne Dhè a chur gu aon taobh airson 's gun cùm sibh ri ur dualchas fhèin.


agus chaidh innse dhaibh mud dheidhinn‑sa, gu bheil thu a' teagasg dha na h‑Iùdhaich gu lèir a tha am measg nan Cinneach Maois a thrèigsinn, ag innse dhaibh gun an cuid chloinne a thimcheall‑ghearradh, no coiseachd a rèir nan gnàthasan.


thoir na fir seo leat agus glan thu fhèin cuide riutha agus pàigh na cosgaisean aca, airson 's gum beàrr iad an cinn. Mar sin bidh fios aig a h‑uile duine nach eil dad anns na chaidh innse dhaibh mud dheidhinn, ach gu bheil thusa cuideachd gad ghiùlain fhèin le bhith a' cumail an lagha.


agus airson esan a dhèanamh na athair dhaibhsan a tha dhen timcheall‑ghearradh, nach eil a‑mhàin air an timcheall‑ghearradh, ach a tha cuideachd a' coiseachd ann an ceuman a' chreideimh a bh' aig ar n‑athair Abrahàm mus robh e anns an timcheall‑ghearradh.


Agus bha mi a' dèanamh adhartais ann an Iùdhachas thar mhòran dhem chomhaoisean am measg mo chinnidh fhèin, 's mi na b' fhìor eudmhoire buileach airson dualchasan mo shinnsireachd.


Oir tha sinn a' cluinntinn gu bheil cuid beò nur measg gu leisg, gun a bhith ag obair idir, ach nan gobairean.


Tha sinn ag òrdachadh dhuibh a bhràithrean, ann an ainm ar Tighearna Ìosa Crìosd, gun seachainn sibh a h‑uile bràthair a tha beò gu leisg agus nach ann a rèir an teagaisg a fhuair iad uainne.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan