Marcus 7:4 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 20174 Agus nuair a thig iad on mhargaidh, chan ith iad mura nigh iad iad fhèin. Agus tha mòran de rudan eile ann a chumas iad, mar nighe chupannan is phoitean is shoithichean umha is bheingean‑ithe). Faic an caibideilAm Bìoball Gàidhlig 19924 Agus air dhaibh teachd on mhargadh, mura tum iad iad, chan ith iad. Agus tha mòran de nithean eile a ghabh iad orra a choimhead, mar tha nighe chupan, agus phoitean, agus shoithichean umha, agus leapaichean. Faic an caibideilAm Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19924 Agus air dhaibh teachd on mhargadh, mura tum iad iad, chan ith iad. Agus tha mòran de nithean eile a ghabh iad orra a choimhead, mar tha nighe chupan, agus phoitean, agus shoithichean umha, agus leapaichean. Faic an caibideilAnn An Gàidhlig an Latha An-diugh 19864 'S nuair a thig iad bhon mhargadh, chan ith iad dad gun iad fhèin a nighe, 's tha iad a' cumail iomadh seann chleachdadh eile, a' nighe chupaichean is shiugaichean is choireachan prais.) Faic an caibideilTiomnadh Nuadh (MacEachen) 18754 Agus ma thig iad bhoʼn mhargadh, cha n-ith iad gun ionnlad; ʼs tha ioma ni eile ann, a tha air an orduchadh dhaibh a chumail, mar tha nighe chupaichean, us phoitean, us shoitheachan pràise, us leabaichean. Faic an caibideil |