Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 7:34 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

34 Agus a' coimhead suas gu nèamh rinn e osna agus thuirt e ris, “Ephphata!” (a tha a' ciallachadh, “Bi air d' fhosgladh!”).

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

34 Agus air dha amharc suas gu nèamh, rinn e osna, agus thubhairt e ris, Ephphata, is e sin ri ràdh, Bi air d’fhosgladh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

34 Agus air dha amharc suas gu nèamh, rinn e osna, agus thubhairt e ris, Ephphata, is e sin ri ràdh, Bi air d’fhosgladh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

34 Choimhead e suas gu nèamh, rinn e osna, 's thuirt e, “Ephphatha, Bi air t'fhosgladh.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

34 ʼSa g-amharc suas gu neamh, thug e osnadh, us thuirt e: Ephpheta, se sin, bi air tʼfhosgladh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 7:34
21 Iomraidhean Croise  

Agus air a lìonadh le truas, shìn e a‑mach a làmh agus bhean e ris, agus thuirt e, “Is miann leam. Bi glan!”


Agus aig trì uairean feasgar dh'èigh Ìosa le guth àrd, “Eloi, Eloi, lema sabachtani?” a tha a' ciallachadh, “Mo Dhia, mo Dhia, carson a thrèig thu mi?”


A' gabhail grèim air an leanabh air làimh, thuirt e rithe, “Talitha cùm,” a tha a' ciallachadh, “A chaileag, tha mise ag ràdh riut, èirich.”


Agus a' gabhail nan còig lofaichean agus an dà iasg, sheall e suas gu nèamh, bheannaich e 's bhris e na lofaichean is thug e iad dha dheisciobail airson an cur mu choinneamh nan daoine. Agus roinn e cuideachd an dà iasg nam measg gu lèir.


Agus chaidh a chluasan fhosgladh is chaidh ceangal a theangaidh fhuasgladh, agus bhruidhinn e gu soilleir.


Agus ag osnaich gu domhainn na spiorad, thuirt e, “Carson a tha an ginealach seo a' sireadh chomharraidh? Gu deimhinn tha mise ag ràdh ribh nach tèid comharra a thoirt dhan ghinealach seo.”


Thuirt Ìosa ris, “Faigh do fhradharc: shlànaich do chreideamh thu.”


Agus a' tighinn faisg, chunnaic e am baile is chaoin e air a shon


An uair sin thàinig e suas agus bhean e ris a' ghiùlan, agus sheas iadsan a bha ga ghiùlain stòlda, agus thuirt e, “Òganaich, tha mi ag ràdh riut, èirich.”


Nuair a chunnaic Ìosa i a' caoineadh, agus na h‑Iùdhaich a thàinig còmhla rithe cuideachd a' caoineadh, bha e air a ghluasad gu domhainn na spiorad, agus fo chùram mòr.


An uair sin thàinig Ìosa, air a ghluasad gu domhainn a‑rithist, chun an tuaim. B' e uamh a bh' ann, agus bha clach air a cur ri a h‑aghaidh.


Mar sin thug iad air falbh a' chlach. Agus sheall Ìosa suas, is thuirt e, “Athair, tha mi a' toirt taing dhut gu bheil thu air mo chluinntinn.


Nuair a bha e air na rudan seo a ràdh, dh'èigh e le guth mòr, “A Làsarais, thig a‑mach!”


Nuair a bha Ìosa air na rudan seo a ràdh, sheall e suas gu nèamh agus thuirt e, “Athair, thàinig an uair. Glòraich do Mhac, airson 's gun glòraich do Mhac thusa.


Agus thuirt Peadar ris, “Eneais, tha Ìosa Crìosd gad leigheas. Èirich is càirich do leabaidh.” Agus sa bhad dh'èirich e.


Ach chuir Peadar iad uile a‑mach, agus chaidh e air a ghlùinean is rinn e ùrnaigh; agus a' tionndadh chun a' chuirp, thuirt e, “A Thabita, èirich.” Agus dh'fhosgail i a sùilean is nuair a chunnaic i Peadar shuidh i suas.


Oir chan eil àrd‑shagart againne nach urrainn co‑fhaireachdainn a nochdadh dhar laigsean; ach a chaidh a bhuaireadh anns gach rud coltach rinn fhèin, ach às aonais peacaidh.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan