Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 7:26 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

26 A‑nis b' e bana‑Ghreugach a bh' anns a' bhoireannach, Sirophenìseach a‑thaobh a breith. Agus ghuidh i air gun tilgeadh e an deamhan a‑mach às a nighinn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

26 (Agus bu bhana-Ghreugach a’ bhean, ban-Shirophenìseach a‑thaobh cinnich); agus ghuidh i air gun tilgeadh e an deamhan a‑mach as a nighinn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

26 (Agus bu bhana‐Ghreugach a’ bhean, ban‐Shirophenìseach a‑thaobh cinnich); agus ghuidh i air gun tilgeadh e an deamhan a‑mach as a nighinn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

26 B'ann dhan dùthaich sin fhèin, do Shìrophoenisia a bhuineadh i, 's b'e Greugais a cànan. Dh'iarr i air Iosa an droch spiorad a chur a‑mach ás an nighinn aice.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

26 Oir bu bhana-phaganach am boirionnach de chinneadh Shirophenissa. Agus ghrios i air gun cuireadh e an deomhan as a h-ighinn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 7:26
7 Iomraidhean Croise  

Agus seall, thàinig boireannach Canàanach on cheàrnaidh sin agus thòisich i air èigheach air, “Dèan tròcair orm, a Thighearna, a Mhic Dhaibhidh; tha mo nighean a' fulang gu truagh le deamhan a th' innte.”


Mar sin chaidh a chliù air feadh Shiria gu lèir, agus thug iad thuige iadsan uile a bha tinn, iadsan a bha a' fulang diofar bhochdainnean is phiantan, iadsan a bha fo chumhachd dheamhan, tuiteamaich agus luchd‑pairilis, agus shlànaich e iad.


Ach sa bhad chuala boireannach aig an robh nighean bheag anns an robh spiorad neòghlan ma dheidhinn agus thàinig i is thuit i aig a chasan.


Agus thuirt e rithe, “Leig leis a' chloinn a bhith air am biathadh an toiseach, oir chan eil e ceart aran na cloinne a ghabhail 's a thilgeil chun nan con.”


Chan eil Iùdhach no Greugach, chan eil daor no saor, chan eil fireann no boireann ann; oir tha sibh uile nur n‑aon ann an Crìosd Ìosa.


far nach eil Greugach no Iùdhach, timcheall‑ghearradh no neo‑thimcheall‑ghearradh, neach borb, Sitianach, tràill, saor; ach 's e Crìosd a h‑uile nì, agus tha e sa h‑uile nì.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan