Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 7:25 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

25 Ach sa bhad chuala boireannach aig an robh nighean bheag anns an robh spiorad neòghlan ma dheidhinn agus thàinig i is thuit i aig a chasan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

25 Oir chuala bean uime, aig an robh nighean bheag anns an robh spiorad neòghlan, agus thàinig i agus thuit i aig a chasan;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

25 Oir chuala bean uime, aig an robh nighean bheag anns an robh spiorad neòghlan, agus thàinig i agus thuit i aig a chasan;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

25 Bha bean ann aig an robh nighean bheag anns an robh droch spiorad. Chuala ise ma dheidhinn, 's thàinig i 's thuit i aig a chasan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

25 Oir cho luath ʼsa chuala boirionnach, aig an robh nighean anns an robh spiorad neoghlan, uime, chaidh i stigh, agus thuit i aig a chasan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 7:25
10 Iomraidhean Croise  

Agus seall, thàinig boireannach Canàanach on cheàrnaidh sin agus thòisich i air èigheach air, “Dèan tròcair orm, a Thighearna, a Mhic Dhaibhidh; tha mo nighean a' fulang gu truagh le deamhan a th' innte.”


Thàinig lobhar thuige, a' guidhe air, agus a' lùbadh a ghlùin dha, thuirt e ris, “Mas miann leat, tha thu comasach air mise a dhèanamh glan.”


An uair sin, agus fios aice dè a thachair dhi, thàinig am boireannach, fo eagal 's air chrith, is thuit i sìos ma choinneamh agus dh'innis i an fhìrinn air fad dha.


Agus o sin dh'èirich e is chaidh e air falbh gu ceàrnaidh Thìruis agus Shìdoin. Agus chaidh e a‑steach do thaigh agus cha robh e ag iarraidh gum biodh fios aig neach sam bith air, ach a dh'aindeoin sin cha b' urrainn dha a bhith air fhalach.


A‑nis b' e bana‑Ghreugach a bh' anns a' bhoireannach, Sirophenìseach a‑thaobh a breith. Agus ghuidh i air gun tilgeadh e an deamhan a‑mach às a nighinn.


agus thuit e air aghaidh aig casan Ìosa, a' toirt taing dha – agus b' e Samaritanach a bh' ann.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan