Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 7:23 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

23 Tha a h‑uile h‑olc seo a' tighinn a‑mach on taobh a‑staigh, agus a' dèanamh an duine ‘neòghlan.’”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

23 Tha na h‑uilc seo uile a’ teachd a‑mach on taobh a‑staigh, agus a’ salachadh an duine.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

23 Tha na h‑uilc seo uile a’ teachd a‑mach on taobh a‑staigh, agus a’ salachadh an duine.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

23 Tha na droch rudan sin uile a' tighinn bhon taobh a‑staigh, 's a' salach an duine.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

23 Tha na h-uilc sin uile a struthadh bhoʼn taobh stigh, ʼs tha iad a truailleadh an duine.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 7:23
8 Iomraidhean Croise  

chan eil rud sam bith air taobh a‑muigh an duine, tro a bhith a' dol a‑steach ann, a tha an comas air a dhèanamh neòghlan, ach na rudan a tha a' tighinn a‑mach às an duine, is iad sin a tha ga dhèanamh neòghlan.


Agus thuirt e riutha, “Mar sin, a bheil sibhse fhathast gun tuigse?” Nach eil sibh a' faicinn nach urrainn do rud sam bith a thèid a‑steach do neach on taobh a‑muigh a dhèanamh neòghlan,


Agus thuirt e, “Is e an nì a thig a‑mach às an duine a dh'fhàgas e ‘neòghlan.’


adhaltranas, sannt, aingidheachd, mealltaireachd, feòlmhorachd, farmad, cùl‑chàineadh, pròis, amaideachd.


Agus o sin dh'èirich e is chaidh e air falbh gu ceàrnaidh Thìruis agus Shìdoin. Agus chaidh e a‑steach do thaigh agus cha robh e ag iarraidh gum biodh fios aig neach sam bith air, ach a dh'aindeoin sin cha b' urrainn dha a bhith air fhalach.


Ma thruailleas neach sam bith teampall Dhè, sgriosaidh Dia an neach sin. Oir tha teampall Dhè naomh, agus is sibhse e.


Dhaibhsan a tha glan, tha a h‑uile sìon glan, ach dhaibhsan a th' air an truailleadh agus nach eil a' creidsinn, chan eil rud sam bith glan, ach tha an inntinn agus an cogais air an truailleadh.


Ach san aon dòigh tha na bruadaraichean seo a' truailleadh na feòla, a' diùltadh tighearnais, agus a' toirt toibheim do phearsachan glòrmhor.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan