Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 7:20 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

20 Agus thuirt e, “Is e an nì a thig a‑mach às an duine a dh'fhàgas e ‘neòghlan.’

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

20 Agus thubhairt e, Is e an nì a thig a‑mach as an duine a shalaicheas an duine.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

20 Agus thubhairt e, Is e an nì a thig a‑mach as an duine a shalaicheas an duine.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

20 Thuirt e riu, “'Se na rudan a thig a‑mach à duine a tha ga shalach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

20 Ach thuirt e, gur iad na nichean, a thig mach as an duine a thruailleas an duine.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 7:20
12 Iomraidhean Croise  

Ach na rudan a thig a‑mach às a' bheul, tha iad a' tighinn on chridhe, agus is iad sin a nì an duine neòghlan.


Ach fhreagair esan, “Tha e sgrìobhte: ‘Chan ann le aran a‑mhàin a bhios duine beò, ach leis a h‑uile facal a thig o bheul Dhè.’”


chan eil rud sam bith air taobh a‑muigh an duine, tro a bhith a' dol a‑steach ann, a tha an comas air a dhèanamh neòghlan, ach na rudan a tha a' tighinn a‑mach às an duine, is iad sin a tha ga dhèanamh neòghlan.


Oir on taobh a‑staigh, a‑mach à cridheachan dhaoine, thig smuaintean olca, strìopachas, goid, murt,


Tha a h‑uile h‑olc seo a' tighinn a‑mach on taobh a‑staigh, agus a' dèanamh an duine ‘neòghlan.’”


Ach thug esan aig nach eil sinnsireachd uapasan an deicheamh cuid bho Abrahàm agus bheannaich e am fear aig an robh na geallaidhean.


Agus is e teine a th' anns an teanga, saoghal neo‑fhìreantachd. Tha an teanga air a suidheachadh am measg ar ball, truailleadair na bodhaig gu lèir, 's a' lasadh cùrsa na beatha, agus air a lasadh le Ifrinn.


Dè a tha ag adhbharachadh chogaidhean is shabaidean nur measg? Nach e seo e, gu bheil ur n‑ana‑miannan a' cogadh nur buill?


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan