Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 7:2 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

2 Agus chunnaic iad gun robh cuid dhe na deisciobail aige ag ithe arain le làmhan “neòghlan”, is e sin gun an nighe.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

2 Agus nuair a chunnaic iad cuid de a dheisciobail ag ithe arain le làmhan salach (sin ri ràdh, gun ionnlaid), fhuair iad cron dhaibh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

2 Agus nuair a chunnaic iad cuid de a dheisciobail ag ithe arain le làmhan salach (sin ri ràdh, gun ionnlaid), fhuair iad cron dhaibh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

2 agus chunnaic iad feadhainn dhe na deisciobail aige ag ithe arain le làmhan nach robh glan, 'se sin làmhan nach robh air an nighe.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

2 Agus nuair a chunnaic iad cuid dhe dheisciopuil a g-ithe arain le lamhan cumanta, se sin, gun an nighe, fhuair iad coire dhaibh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 7:2
12 Iomraidhean Croise  

“Carson a bhios do dheisciobail a' briseadh dualchas nan èildear? Oir cha bhi iad a' nighe an làmhan nuair a dh'itheas iad aran.”


Dh'fhaighnich na Pharasaich 's na sgrìobhaichean dha, “Carson nach eil do dheisciobail a' coiseachd a rèir dualchas nan èildearan, ach ag ithe arain le làmhan ‘neòghlan’?”


Ach ghabh am Pharasach iongnadh nuair a chunnaic e nach do nigh e e fhèin ron dinneir.


Agus thuirt e riutha, “Is aithne dhuib' fhèin cho mì‑riaghailteach 's a tha e do dh'Iùdhach, comann a bhith aige le coigreach, no tadhal air; ach tha Dia air sealltainn dhomh nach bu chòir dhòmhsa truaillte no neòghlan a ghabhail air duine.


“Ach thuirt mise, ‘Cha dèan, a Thighearna; oir cha deach sìon a bha truaillte no neòghlan riamh a‑steach nam bheul‑sa.’


Is aithne dhomh agus tha mi dearbhte san Tighearna Ìosa nach eil sìon neòghlan ann fhèin, ach gu bheil e neòghlan dhàsan a tha a' smaoineachadh gu bheil e neòghlan.


Nach ann nas miosa a shaoileas sibh a bhios am peanas a tha freagarrach dhàsan a shaltair Mac Dhè fo a chasan, a thruaill fuil a' chùmhnaint leis an deach a naomhachadh agus a thàmailtich Spiorad a' ghràis?


Agus chan fhaod neach sam bith tighinn a‑steach ann a tha neòghlan, no a nì cleachdadh de ghràinealachd is de bhreug, ach a‑mhàin na feadhna a tha sgrìobhte ann an leabhar‑beatha an Uain.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan