Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 7:19 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

19 air sgàth 's gu bheil e a' dol a‑steach, chan ann dhan chridhe ach dhan stamaig aige, agus air a chur a‑mach dhan t‑sitig (mar sin chuir e an cèill gun robh a h‑uile biadh “glan”).

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

19 Do bhrìgh nach tèid e a‑steach da chridhe, ach don bhroinn, agus thèid e a‑mach don t‑sloc shalchair, a’ glanadh gach uile bhìdh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

19 Do bhrìgh nach tèid e a‑steach da chridhe, ach don bhroinn, agus thèid e a‑mach don t‑sloc shalchair, a’ glanadh gach uile bhìdh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

19 Oir chan ann a‑steach dhan chridhe a tha iad a' dol ach dhan stamaig, 's an‑uairsin a' gabhail a‑mach.” Bha e mar sin a' dèanamh a h‑uile biadh glan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

19 A chionn ʼs nach eil e a dol a stigh ʼna chridhe, ach a dol a stigh ʼna bhroinn, us theid e mach do ʼn dùn, a glanadh bhiadhan uile?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 7:19
9 Iomraidhean Croise  

Nach eil sibh a' faicinn gu bheil na thèid a‑steach dhan bheul a' dol dhan stamaig agus gun tèid a chur a‑mach dhan t‑sitig?


Agus thuirt e riutha, “Mar sin, a bheil sibhse fhathast gun tuigse?” Nach eil sibh a' faicinn nach urrainn do rud sam bith a thèid a‑steach do neach on taobh a‑muigh a dhèanamh neòghlan,


Ach thugaibh mar dhèirce na rudan sin a tha air an taobh a‑staigh agus seall, bidh a h‑uile rud glan dhuibh.


Agus thàinig an guth thuige a‑rithist an dara uair, “An rud a rinn Dia glan, na gabh thusa truaillte air.”


Ach fhreagair an guth an dara h‑uair, ‘An rud a rinn Dia glan, na gabh thusa truaillte air.’


“Tha am biadh airson na stamaig is an stamag airson a' bhìdh” – agus sgriosaidh Dia an dà chuid – aon fhear 's am fear eile. Chan ann airson feise mhì‑mhoralta a tha an corp, ach airson an Tighearna, agus an Tighearna airson a' chuirp.


Mar sin na toireadh neach sam bith breith oirbh a thaobh bìdh, no dibhe, no a thaobh fèill, no gealaich ùir no sàbaidean –


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan