Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 7:1 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

1 Chruinnich na Pharasaich agus cuid dhe na sgrìobhaichean a bh' air tighinn o Ierusalem timcheall air.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Agus chruinnicheadh na Pharasaich da ionnsaigh, agus dream àraidh de na sgrìobhaichean a thàinig o Ierusalem.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

1 Agus chruinnicheadh na Pharasaich da ionnsaigh, agus dream àraidh de na sgrìobhaichean a thàinig o Ierusalem.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

1 Chruinnich na Pharasaich thuige agus cuid dhe na sgrìobhaichean a thàinig á Ierusalem,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

1 Agus thionail na Phairisich ga ionnsuidh, us cuid dhe na Sgriobhaich, a thainig bho Ierusalem.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 7:1
5 Iomraidhean Croise  

Agus bha na sgrìobhaichean a thàinig a‑nuas o Ierusalem ag ràdh, “Tha seilbh aig Beelsebul air! Is ann tro uachdaran nan deamhan a tha e a' tilgeil a‑mach dheamhan.”


Agus chunnaic iad gun robh cuid dhe na deisciobail aige ag ithe arain le làmhan “neòghlan”, is e sin gun an nighe.


Air aon dhe na làithean sin, nuair a bha e a' teagasg, bha Pharasaich agus luchd‑teagaisg lagha nan suidhe an sin a bha air tighinn às gach uile bhaile de Ghalile agus de dh'Iudèa agus à Ierusalem. Agus bha cumhachd an Tighearna còmhla ris airson 's gun dèanadh e slànachadh.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan