Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 6:8 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

8 Dh'àithn e dhaibh gun rud sam bith a thoirt leotha airson na slighe, ach bata a‑mhàin – gun aran, gun bhaga, gun airgead nan sporain –

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

8 Agus dh’àithn e dhaibh gun nì air bith a thoirt leo airson na slighe, ach lorg a‑mhàin; gun mhàla, gun aran, gun airgead nan sporan:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

8 Agus dh’àithn e dhaibh gun nì air bith a thoirt leo airson na slighe, ach lorg a‑mhàin; gun mhàla, gun aran, gun airgead nan sporan:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

8 Thug e òrdugh dhaibh gun nì a bhith aca air son na slighe ach bata a‑mhàin, gun aran a bhith aca no màileid no airgead sam bith nan crios,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

8 Us dhʼàithn e orra gun dad a thoirt leo air an rathad, ach bata a mhain: gun mhàla gun aran, gun airgiod ʼnan sporan,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 6:8
5 Iomraidhean Croise  

ach cuarain a cheangal orra agus gun dà lèine‑fhada a bhith aca airson an cur orra.


Na giùlainibh sporan, no poca, no cuarain, agus na cuiribh fàilte air neach sam bith air an t‑slighe.


Agus thuirt e riutha, “Nuair a chuir mi a‑mach sibh gun sporan, gun bhaga agus gun chuarain, an robh dìth rud sam bith oirbh?” Agus thuirt iad, “Cha robh dad.”


Thuirt e riutha, “Na toiribh dad leibh airson na slighe – bata, no baga, no aran, no airgead, agus na biodh dà lèine‑fhada agaibh.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan