Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 6:7 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

7 Agus ghairm e an dà fhear dheug thuige agus thòisich e air an cur a‑mach dithis is dithis, agus thug e cumhachd dhaibh thairis air spioradan neòghlan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

7 Agus ghairm e da ionnsaigh an dà‑fhear-dheug, agus thòisich e air an cur a‑mach dithis agus dithis, agus thug e dhaibh cumhachd air spioradan neòghlan;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

7 Agus ghairm e da ionnsaigh an dà‑fhear‐dheug, agus thòisich e air an cur a‑mach dithis agus dithis, agus thug e dhaibh cumhachd air spioradan neòghlan;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

7 Ghairm e thuige dà fhear dheug agus thòisich e air an cur a‑mach, dithis is dithis còmhla, 's thug e dhaibh ùghdarras thairis air na droch spioradan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

7 Agus ghairm e na dhà-dhiag: us thòisich e air an cur air falbh lion dithis us dithis, agus thug e cumhachd dhaibh thairis air spioradan neoghlan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 6:7
12 Iomraidhean Croise  

Leanaidh na comharraidhean seo an fheadhainn a chreideas: nam ainm‑sa tilgidh iad a‑mach deamhain; bruidhinnidh iad le teangannan ùra;


Às dèidh seo shuidhich an Tighearna seachdad [is dithis] neach eile agus chuir e iad air thoiseach air, dithis is dithis, dha gach baile is àite a bha e fhèin gus a dhol thuige.


Agus bheir mi ùghdarras dhan dithis fhianaisean agam, agus nì iad fàidheadaireachd airson mìle, dà cheud agus seasgad latha, 's iad air an èideadh ann an sac‑aodach.”


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan