Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 6:6 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

6 Agus ghabh e iongnadh mun eas‑creideamh. An uair sin chaidh e timcheall nam bailtean a' teagasg.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

6 Agus bha iongantas air airson am mì‑chreidimh. Agus chaidh e timcheall nam bailtean, a’ teagasg.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

6 Agus bha iongantas air airson am mì‑chreidimh. Agus chaidh e timcheall nam bailtean, a’ teagasg.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

6 Chuir e ioghnadh air nach robh creideamh idir aca. Chuir e cuairt timcheall nam bailtean a' teagasg.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

6 Us ghabh e iongantas ri ʼn cion creidimh, agus dhʼ imich e feadh nam bailtean mun cuairt a teagasg.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 6:6
12 Iomraidhean Croise  

Agus bha e a' dol tro Ghalile uile, a' teagasg anns na sionagogan aca is a' searmonachadh soisgeul na rìoghachd agus a' slànachadh gach gnè tinneis is gach gnè bochdainn am measg an t‑sluaigh.


Nuair a chuala Ìosa seo, ghabh e iongnadh agus thuirt e riuthasan a lean e, “Gu fìrinneach, tha mi ag ràdh ribh nach d' fhuair mi creideamh cho mòr ri seo aig neach sam bith ann an Israel.


Agus chaidh Ìosa tro na bailtean mòra agus na bailtean beaga gu lèir, a' teagasg anns na sionagogan agus a' searmonachadh soisgeul na rìoghachd, agus a' leigheas gach tinneas agus gach bochdainn.


Agus chaidh e tro Ghalile gu lèir a' searmonachadh anns na sionagogan aca agus a' tilgeil a‑mach dheamhain.


Dh'èirich Ìosa on àite sin agus chaidh e gu ceàrnaidhean Iudèa is thairis air Iòrdan, agus chruinnich slòigh thuige a‑rithist. Agus a‑rithist, mar a b' fhasan dha, theagaisg e iad.


An uair sin chaidh e tro na bailtean mòra is na bailtean beaga, a' teagasg agus a' dèanamh a shlighe gu Ierusalem.


Agus chaidh e sìos gu Capernàum, baile ann an Galile, agus bha e gan teagasg air an t‑Sàbaid,


Agus bha e a' searmonachadh ann an sionagogan Iudèa.


Fhreagair an duine, “Seo, a‑nis, far a bheil an rud iongantach! Chan aithne dhuibh cò às a tha e, ach a dh'aindeoin sin dh'fhosgail e mo shùilean.


mar a dh'ung Dia Ìosa o Nàsaret leis an Spiorad Naomh is le cumhachd, agus mar a chaidh e mun cuairt a' dèanamh maith agus gan slànachadh‑san uile a bh' air an claoidh leis an diabhal, oir bha Dia còmhla ris.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan