Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 6:41 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

41 Agus a' gabhail nan còig lofaichean agus an dà iasg, sheall e suas gu nèamh, bheannaich e 's bhris e na lofaichean is thug e iad dha dheisciobail airson an cur mu choinneamh nan daoine. Agus roinn e cuideachd an dà iasg nam measg gu lèir.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

41 Agus air dha na còig buileannan agus an dà iasg a ghabhail, agus amharc suas gu nèamh, bheannaich agus bhris e na buileannan, agus thug e da dheisciobail iad, a‑chum gun cuireadh iad romhpa iad; agus roinn e an dà iasg orra uile.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

41 Agus air dha na còig buileannan agus an dà iasg a ghabhail, agus amharc suas gu nèamh, bheannaich agus bhris e na buileannan, agus thug e da dheisciobail iad, a‑chum gun cuireadh iad romhpa iad; agus roinn e an dà iasg orra uile.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

41 Ghabh e thuige na còig bonnaich 's an dà iasg, thog e a shùilean gu nèamh, 's dh'iarr e beannachd orra. Bhrist e na bonnaich, 's thug e dha dheisciobail iad gus an riarachadh air an t‑sluagh, 's roinn e an dà iasg air na bh'ann.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

41 ʼSa glacail nan coig builionnan, ʼs an dà éisg, ʼsa g-amharc suas gu neamh, bheannaich e, us bhrist e na builionnan, agus thug e iad dha dheisciopuil, gus an cur air am bialaobh; agus roinn e an dà iasg orra uile.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 6:41
22 Iomraidhean Croise  

Agus dh'àithn e dhan t‑sluagh suidhe sìos air an fheur, agus a' gabhail nan còig lofaichean agus an dà iasg, sheall e suas gu nèamh, bheannaich e 's bhris e na lofaichean agus thug e iad dha na deisciobail, agus thug na deisciobail dhan t‑sluagh iad.


ghabh e na seachd lofaichean agus na h‑èisg, agus às dèidh dha taing a thoirt, bhris e iad, agus thug e dha na deisciobail iad, agus thug na deisciobail dhan t‑sluagh iad.


Fhad 's a bha iad ag ithe, ghabh Ìosa thuige aran, agus às dèidh a bheannachadh, bhris e e is thug e dha na deisciobail e, agus thuirt e, “Gabhaibh, ithibh, is e seo mo chorp‑sa.”


Agus fhad 's a bha iad ag ithe, ghabh Ìosa thuige aran, agus às dèidh a bheannachadh, bhris e e agus thug e dhaibh e, agus thuirt e, “Gabhaibh, is e seo mo chorp‑sa.”


Mar sin shuidh iad sìos ann am buidhnean, nan ceudan agus nan caogadan.


Dh'ith iad uile agus bha iad air an sàsachadh.


Agus a' coimhead suas gu nèamh rinn e osna agus thuirt e ris, “Ephphata!” (a tha a' ciallachadh, “Bi air d' fhosgladh!”).


Nuair a bhris mi na còig lofaichean airson nan còig mìle, cia mheud basgaid làn de chriomagan a thog sibh?” Thuirt iad ris, “A dhà dheug.”


Nuair a shuidh e aig a' bhòrd còmhla riutha, ghlac e an t‑aran, bheannaich e, bhris e agus thug e dhaibh e.


Agus a' gabhail nan còig lofaichean agus an dà iasg, sheall e suas gu nèamh, bheannaich e 's bhris e iad, agus thug e iad dha na deisciobail airson an cur mu choinneamh an t‑sluaigh.


Mar sin thug iad air falbh a' chlach. Agus sheall Ìosa suas, is thuirt e, “Athair, tha mi a' toirt taing dhut gu bheil thu air mo chluinntinn.


Nuair a bha Ìosa air na rudan seo a ràdh, sheall e suas gu nèamh agus thuirt e, “Athair, thàinig an uair. Glòraich do Mhac, airson 's gun glòraich do Mhac thusa.


Ghabh Ìosa na lofaichean, agus nuair a rinn e altachadh, roinn e iad air a' mhuinntir a bha nan suidhe. Rinn e an aon rud leis na h‑èisg – na h‑uimhir is a bu mhiann leotha.


Thàinig eathraichean beaga eile o Thiberias faisg air an àite sin anns an do dh'ith iad an t‑aran, às dèidh dhan Tighearna altachadh a dhèanamh.


Agus nuair a bha e air na rudan seo a ràdh, ghlac e aran, agus a' toirt taing do Dhia mun coinneamh gu lèir bhris e e agus thòisich e air ithe.


Tha an neach a chumas an latha ga chumail dhan Tighearna. Tha an neach a dh'itheas ag ithe dhan Tighearna, on a tha e a' toirt taing do Dhia, agus an neach nach ith, chan eil e ag ithe dhan Tighearna, agus tha e a' toirt taing do Dhia.


Mar sin, co‑dhiù a dh'itheas no a dh'òlas sibh, no ge b' e dè a nì sibh, dèanaibh a h‑uile sìon gu glòir Dhè.


Agus ge b' e dè a nì sibh, ann am facal no ann an gnìomh, dèanaibh iad uile ann an ainm an Tighearna Ìosa, a' toirt taing do Dhia an t‑Athair troimhesan.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan