Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 6:2 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

2 Agus nuair a thàinig an t‑Sàbaid, thòisich e air teagasg san t‑sionagog, agus ghabh mòran iongnadh nuair a chuala iad e, ag ràdh, “Cò às a fhuair am fear seo na rudan seo? Dè an gliocas seo a chaidh a thoirt dha, 's gu bheil a leithid seo de dh'obraichean cumhachdach air an dèanamh le a làmhan?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

2 Agus nuair a thàinig an t‑sàbaid, thòisich e air teagasg anns an t‑sionagog: agus air do mhòran a chluinntinn, ghabh iad iongantas, ag ràdh, Cia as a tha na nithean seo aig an fhear seo? Agus ciod e an gliocas seo a thugadh dha, gu bheil a leithid seo de fheartan air an dèanamh le a làmhan?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

2 Agus nuair a thàinig an t‑sàbaid, thòisich e air teagasg anns an t‑sionagog: agus air do mhòran a chluinntinn, ghabh iad iongantas, ag ràdh, Cia as a tha na nithean seo aig an fhear seo? Agus ciod e an gliocas seo a thugadh dha, gu bheil a leithid seo de fheartan air an dèanamh le a làmhan?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

2 Nuair a thàinig an t‑Sàbaid thòisich e air teagasg anns an t‑sionagog. Ghabh mòran de na chuala e ioghnadh, 's thuirt iad, “Càite an d'fhuair esan na nithean seo, 's dè an seòrsa gliocais a thugadh dha, nuair a tha e a' dèanamh a leithid sin a mhìorbhailean le a làmhan fhèin?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

2 Agus nuair thainig an t-sàbaid, thòisich e ri teagasg san t-sinagog; us ghabh moran a bha ga eisdeachd ioghnadh ri theagasg, a g-radh: Co as tha na nichean so uile aig an duine so? agus ciod e an gliocas a tha air a thoirt dha: ʼs na gniomhan cho euchdail, a thʼair an dianamh le lamhan?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 6:2
11 Iomraidhean Croise  

Agus bha e a' dol tro Ghalile uile, a' teagasg anns na sionagogan aca is a' searmonachadh soisgeul na rìoghachd agus a' slànachadh gach gnè tinneis is gach gnè bochdainn am measg an t‑sluaigh.


Agus nuair a chrìochnaich Ìosa na briathran seo, ghabh na slòigh iongnadh ri theagasg‑san,


Agus chaidh e tro Ghalile gu lèir a' searmonachadh anns na sionagogan aca agus a' tilgeil a‑mach dheamhain.


Dh'èirich Ìosa on àite sin agus chaidh e gu ceàrnaidhean Iudèa is thairis air Iòrdan, agus chruinnich slòigh thuige a‑rithist. Agus a‑rithist, mar a b' fhasan dha, theagaisg e iad.


Agus ghabh iadsan uile a chuala e iongnadh air sgàth a thuigse agus a fhreagairtean.


Agus bha e a' teagasg anns na sionagogan aca, a' faighinn molaidh on a h‑uile duine.


Thuirt iad, “Nach e seo Ìosa, mac Iòsaiph, aig a bheil athair is màthair as aithne dhuinn? Ciamar a‑nis as urrainn dha a ràdh, ‘Thàinig mi a‑nuas o nèamh’?”


Ghabh na h‑Iùdhaich iongnadh mòr agus dh'fhaighnich iad, “Ciamar a tha an duine seo cho ionnsaichte, agus nach d' fhuair e foghlam?”


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan