Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 6:16 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

16 Ach nuair a chuala Herod mu dheidhinn, thuirt e, “Chaidh Eòin, dhen tug mise an ceann, a thogail o na mairbh!”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

16 Ach nuair a chuala Herod seo, thubhairt e, Is e Eòin, den do chuir mise an ceann, a tha ann; dh’èirich e o na mairbh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

16 Ach nuair a chuala Herod seo, thubhairt e, Is e Eòin, den do chuir mise an ceann, a tha ann; dh’èirich e o na mairbh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

16 Ach nuair a chuala Herod e, thuirt e, “'Se th'ann ach Eòin, an dearbh fhear a chuir mise an ceann dheth.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

16 Air do Herod so chluinntinn, thuirt e: Se Eoin, dheʼn tug mise an ceann, a thʼ ann, dhʼeirich e bho na mairbh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 6:16
8 Iomraidhean Croise  

agus thuirt e ri a sheirbheisich, “Is e seo Eòin Baistidh. Chaidh a thogail o na mairbh, agus is ann air sgàth sin a tha na cumhachdan mìorbhaileach seo ag obrachadh ann.”


ag ràdh, “Pheacaich mi tro bhith a' brath fuil neoichiontach.” Ach thuirt iadsan, “Dè tha sin dhuinne? Seall thusa ris!”


Ach thuirt cuid eile, “Is e Eliah a th' ann.” Agus thuirt cuid eile, “Is e fàidh a th' ann, mar aon dhe na fàidhean.”


Oir b' e Herod fhèin a chuir feadhainn a‑mach airson 's gum biodh Eòin air a chur an grèim, agus cheangail e ann am prìosan e, air sgàth Heròdiais, bean Philip a bhràthair fhèin, a chionn 's gun robh e air a pòsadh.


Ach thuirt Herod, “Thug mise an ceann far Eòin, ach cò am fear seo mu bheil mi a' cluinntinn a leithid seo de rudan?” Agus bha e ag iarraidh esan fhaicinn.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan