Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 5:9 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

9 Agus bha Ìosa a' faighneachd dha, “Dè an t‑ainm a th' ort?” Fhreagair esan, “Is e Lègion an t‑ainm a th' orm, oir tha mòran againn ann.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

9 Agus dh’fheòraich e dheth, Ciod as ainm dhut? Agus fhreagair esan, ag ràdh, Lègion as ainm dhomh, oir tha sinn mòran ann.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

9 Agus dh’fheòraich e dheth, Ciod as ainm dhut? Agus fhreagair esan, ag ràdh, Lègion as ainm dhomh, oir tha sinn mòran ann.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

9 Dh'fhaighnich Iosa dheth, “Dè an t‑ainm a th'ort?” Fhreagair esan, “'Se Lègion m'ainm, oir tha mòran dhinn ann.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

9 Agus dhʼfhaighnich e dheth: Cʼainm thʼort? Us thuirt e ris: Se Legion mʼ ainm, oir is moran sinn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 5:9
7 Iomraidhean Croise  

An uair sin falbhaidh e agus bheir e leis seachd spioradan eile nas uilce na e fhèin, is thèid iad a‑steach agus fanaidh iad an sin, is bidh staid dheireannach an duine sin nas miosa na a chiad staid. Is ann mar sin cuideachd a bhitheas leis a' ghinealach olc seo.”


A bheil thu a' saoilsinn nach urrainn dhòmhsa guidhe air m' Athair, agus bheir e dhomh sa bhad barrachd air dà lègion dheug de dh'ainglean?


Agus ghuidh e air gu dùrachdach gun an cur a‑mach às an dùthaich.


Thàinig iad gu Ìosa agus chunnaic iad an duine anns an robh na deamhain, am fear aig an robh an Lègion, na shuidhe an sin, air èideadh agus ceart sa cheann; agus bha an t‑eagal orra.


Oir bha e ag ràdh ris, “Thig a‑mach às an duine, a spioraid neòghlain!”


Dh'fhaighnich Ìosa an uair sin dha, “Dè an t‑ainm a th' ort?” Agus thuirt e, “Lègion,” oir bha mòran dheamhan air a dhol a‑steach ann.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan