Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 5:6 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

6 Nuair a chunnaic e Ìosa o fhad' às, ruith e agus thilg e e fhèin sìos ma choinneamh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

6 Ach nuair a chunnaic e Iosa fada uaithe, ruith e agus shleuchd e dha,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

6 Ach nuair a chunnaic e Iosa fada uaithe, ruith e agus shleuchd e dha,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

6 Nuair a chunnaic e Iosa astar bhuaithe, ruith e far an robh e, 's thuit e aig a chasan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

6 ʼSa faicinn Iosa fad as, ruith e, ʼs thug e aoradh dha;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 5:6
7 Iomraidhean Croise  

A latha 's a dh'oidhche, am measg nan tuam 's air na beanntan, bha e an‑còmhnaidh ag èigheach 's ga ghearradh fhèin le clachan.


Agus dh'èigh e le guth àrd, is thuirt e, “Dè mo ghnothach riutsa, Ìosa, a Mhic an Dè as ro àirde? Tha mi a' guidhe ort, tro Dhia, gun mo chur fo àmhghar.”


Agus bha deamhain cuideachd a' tighinn a‑mach à mòran, ag èigheach, “Is tusa Mac Dhè.” Ach chronaich e iad agus cha leigeadh e leotha bruidhinn, oir bha fios aca gum b' esan an Crìosd.


Lean i seo Pòl agus sinne, ag èigheach a‑mach, “Tha na daoine seo nan seirbheisich dhan Dia as àirde, a tha a' cur an cèill dhuibh slighe na slàinte.”


Tha thu a' creidsinn gu bheil Dia na aon; is math a tha thu a' dèanamh. Tha fiù 's na deamhain a' creidsinn 's a' dol air chrith.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan