Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 5:4 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

4 Oir chaidh a cheangal gu tric le slabhraidhean agus le sèinichean, ach tharraing e na sèinichean‑coise às a chèile, agus bhris e na slabhraidhean nam pìosan beaga. Cha robh an neart aig neach sam bith airson a cheannsachadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

4 Oir chaidh a cheangal gu tric le gèimhlean agus le slabhraidhean, agus tharraing e na slabhraidhean as a chèile, agus mhion-bhris e na gèimhlean. Agus cha b’urrainn duine sam bith a cheannsachadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

4 Oir chaidh a cheangal gu tric le gèimhlean agus le slabhraidhean, agus tharraing e na slabhraidhean as a chèile, agus mhion‐bhris e na gèimhlean. Agus cha b’urrainn duine sam bith a cheannsachadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

4 Chaidh sèinichean 's geimhlean a chur air iomadh uair, ach bhrist e na sèinichean 's chuir e na geimhlean nam bloighdean, 's cha robh neach sam bith cho làidir 's gun cuireadh e casg air.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

4 Oir ged chaidh a cheangal gu tric le cuibhrichean, ʼs le slabhruidhean, bhrist e na slabhruidhean, ʼs bhruan e na cuibhrichean, agus cha bʼurrainn do dhuine air bith a cheannsachadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 5:4
5 Iomraidhean Croise  

aig an robh a dhachaigh anns na tuaman, agus cha b' urrainn neach sam bith a cheangal tuilleadh, fiù 's le sèinichean.


A latha 's a dh'oidhche, am measg nan tuam 's air na beanntan, bha e an‑còmhnaidh ag èigheach 's ga ghearradh fhèin le clachan.


Oir bha e air àithne a thoirt dhan spiorad neòghlan tighinn a‑mach às an duine. Oir bha e air greimeachadh air gu tric; agus bhiodh e air a chumail fo fhaire agus air a cheangal le slabhraidhean is sèinichean‑coise, ach bhriseadh e na cuibhrichean agus bhiodh e air a ruagadh leis an deamhan do dh'àiteachan fàsail.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan