Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 5:34 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

34 Agus thuirt esan rithe, “A nighean, shlànaich do chreideamh thu. Thalla ann an sìth, agus bi slàn od thinneas.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

34 Agus thubhairt e rithe, A nighean, shlànaich do chreideamh thu; imich ann an sìth, agus bi slàn od phlàigh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

34 Agus thubhairt e rithe, A nighean, shlànaich do chreideamh thu; imich ann an sìth, agus bi slàn od phlàigh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

34 Thuirt esan rithe, “A nighean, rinn do chreideamh slàn thu; bi falbh ann an sìth, 's bi saor o do thinneas.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

34 Us thuirt esan rithe: A nighean, rinn do chreideamh slan thu: falbh ann an sith, us bi air do leigheas bho tʼ eucail.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 5:34
19 Iomraidhean Croise  

Agus seall, thug iad thuige duine air an robh a' phairilis, na laighe air leabaidh. Agus nuair a chunnaic Ìosa an creideamh‑san, thuirt e ris an fhear air an robh a' phairilis, “Biodh deagh mhisneach agad, a leanaibh, tha do pheacaidhean air am mathadh dhut.”


Thionndaidh Ìosa, agus ga faicinn thuirt e, “A nighean, biodh deagh mhisneach agad; shlànaich do chreideamh thu.” Agus sa bhad chaidh am boireannach a dhèanamh slàn on uair sin.


Thuirt Ìosa ris, “Thalla, shlànaich do chreideamh thu.” Sa bhad fhuair e a fhradharc air ais, agus lean e air an t‑slighe e.


Oir bha e air mòran a leigheas, leis a' bhuil gun do theann iadsan uile ris air an robh tinneasan, airson 's gum beanadh iad ris.


Agus sa bhad chaidh a sruth fala a thiormachadh, agus dh'aithnich i na corp fhèin gun deach a leigheas on tinneas aice.


An uair sin, agus fios aice dè a thachair dhi, thàinig am boireannach, fo eagal 's air chrith, is thuit i sìos ma choinneamh agus dh'innis i an fhìrinn air fad dha.


Agus thuirt e ris, “Èirich is thalla, shlànaich do chreideamh thu.”


Thuirt Ìosa ris, “Faigh do fhradharc: shlànaich do chreideamh thu.”


Agus thuirt e ris a' bhoireannach, “Shàbhail do chreideamh thu; thalla ann an sìth.”


Agus thuirt esan rithe, “A nighean, shlànaich do chreideamh thu. Thalla ann an sìth.”


Dh'èist e ri Pòl a' bruidhinn. Agus thuirt Pòl – a' geur‑amharc air agus a' faicinn gun robh creideamh aige gus a bhith air a dhèanamh slàn –


Agus às dèidh dhaibh beagan ùine a chur seachad, chaidh an cur air falbh le sìth o na bràithrean chun na feadhna a bh' air an cur a‑mach.


Agus rinn fear‑gleidhidh a' phrìosain aithris air na briathran seo do Phòl, ag ràdh, “Tha na maighstirean‑lagha air cur airson ur saoradh. Mar sin thigibh a‑mach an‑dràsta agus thallaibh ann an sìth.”


agus aon agaibhse ag ràdh riutha, “Thallaibh ann an sìth, bithibh air ur blàthachadh agus bithibh air ur lìonadh,” ach nach toir sibh dhaibh na rudan a tha a dhìth air am bodhaig, dè a' bhuannachd a th' ann?


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan