Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 5:30 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

30 Sa bhad dh'aithnich Ìosa ann fhèin gun robh cumhachd air a dhol a‑mach às, agus thionndaidh e mun cuairt am measg an t‑sluaigh, agus thuirt e, “Cò a bhean rim aodach?”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

30 Agus dh’aithnich Iosa air ball ann fhèin gun deachaidh cumhachd a‑mach as, agus air dha tionndadh anns an t‑sluagh, thubhairt e, Cò a bhean rim aodach?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

30 Agus dh’aithnich Iosa air ball ann fhèin gun deachaidh cumhachd a‑mach as, agus air dha tionndadh anns an t‑sluagh, thubhairt e, Cò a bhean rim aodach?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

30 Dh'aithnich Iosa sa mhionaid gun robh cumhachd air a dhol a‑mach bhuaithe, 's thionndaidh e man cuairt am meadhon an t‑sluaigh, 's thuirt e, “Cò bhean ri m'aodach?”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

30 Agus dhʼaithnich Iosa sa cheart uair ann fhein, gun deach feartan a mach bhuaithe, agus thionndaidh e ris an t-sluagh, us thuirt e: Co bhean dha mʼ eideadh?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 5:30
5 Iomraidhean Croise  

Agus thuirt a dheisciobail ris, “Tha thu a' faicinn an t‑sluaigh a' bruthadh a‑steach ort, agus tha thu ag ràdh, ‘Cò a bhean rium?’”


Air aon dhe na làithean sin, nuair a bha e a' teagasg, bha Pharasaich agus luchd‑teagaisg lagha nan suidhe an sin a bha air tighinn às gach uile bhaile de Ghalile agus de dh'Iudèa agus à Ierusalem. Agus bha cumhachd an Tighearna còmhla ris airson 's gun dèanadh e slànachadh.


Agus dh'fheuch an sluagh uile ri beantainn ris, oir bha cumhachd a' tighinn às agus gan slànachadh uile.


Ach thuirt Ìosa, “Bhean cuideigin rium, oir is aithne dhòmhsa gu bheil cumhachd air a dhol asam.”


Ach tha sibhse nar ginealach taghta, sagartachd rìoghail, nàisean naomh, sluagh a tha nan seilbh aig Dia, gus an innis sibh sàr‑mhathas an fhir a ghairm sibh o dhorchadas gu a sholas glòrmhor fhèin.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan