Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 5:22 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

22 An uair sin thàinig aon de riaghladairean an t‑sionagoig, dham b' ainm Iàirus, agus nuair a chunnaic e esan, thuit e aig a chasan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

22 Agus, feuch, thàinig aon de uachdarain nan sionagog, dom b’ainm Iàirus; agus nuair a chunnaic e esan, leig e e fhèin sìos aig a chasan,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

22 Agus, feuch, thàinig aon de uachdarain nan sionagog, dom b’ainm Iàirus; agus nuair a chunnaic e esan, leig e e fhèin sìos aig a chasan,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

22 Thàinig fear de cheannardan an t‑sionagoig, air an robh Iàrus, 's nuair a chunnaic e Iosa, thuit e aig a chasan

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

22 Agus thainig fear de dhʼuachdrain an t-sinagoig, dhaʼm bʼainm Iairus; ʼs ga fhaicinn, thuit e sios aig a chasan,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 5:22
14 Iomraidhean Croise  

Agus a' dol a‑steach dhan taigh, chunnaic iad am pàiste còmhla ri Moire a mhàthair, agus thuit iad sìos is rinn iad adhradh dha. An uair sin, a' fosgladh nan ionmhasan aca, thairg iad tiodhlacan dha: òr is tùis is mirr.


An uair sin, agus fios aice dè a thachair dhi, thàinig am boireannach, fo eagal 's air chrith, is thuit i sìos ma choinneamh agus dh'innis i an fhìrinn air fad dha.


Thàinig iad gu taigh riaghladair an t‑sionagoig, agus chunnaic Ìosa an ùpraid, feadhainn a' caoineadh 's a' burralaich.


Ach, làn feirge a chionn 's gun do rinn Ìosa leigheas air an t‑Sàbaid, thuirt riaghladair an t‑sionagoig ris an t‑sluagh, “Tha sia latha ann anns am bu chòir obair a bhith air a dèanamh. Mar sin thigibh agus bithibh air ur leigheas air na làithean sin, ach chan ann air latha na Sàbaid.”


Nuair a chunnaic Sìmon Peadar seo, thuit e sìos aig glùinean Ìosa, ag ràdh, “Theirig air falbh uamsa, a Thighearna, oir is e duine peacach a th' annam.”


Nuair a chunnaic e Ìosa, dh'èigh e a‑mach agus thuit e sìos ma choinneamh agus thuirt e le guth àrd, “Dè mo ghnothach riutsa, Ìosa, a Mhic an Dè as ro àirde? Tha mi a' guidhe ort gun mo chur fo àmhghar.”


Às dèidh leughadh on Lagh agus o na Fàidhean, chuir riaghladairean an t‑sionagoig fios thuca, ag ràdh, “A bhràithrean, ma tha facal earalachaidh agaibh dhan t‑sluagh, canaibh e.”


Agus rug iad uile air Sostenes, riaghladair an t‑sionagoig, agus ghabh iad dha mu choinneamh cathair a' bhreitheanais. Ach cha robh cùram air Galio mu ghin dhe na rudan sin.


Chreid Crispus, riaghladair an t‑sionagoig, anns an Tighearna, còmhla ri theaghlach gu lèir. Agus ga chluinntinn chreid mòran dhe na Corintianaich, agus bha iad air am baisteadh.


Agus is mise Eòin, a chuala 's a chunnaic na rudan seo. Agus nuair a chuala 's a chunnaic mi iad, thuit mi a dh'adhradh aig casan an aingil a dh'fhoillsich na rudan seo dhomh.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan