Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 5:21 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

21 Nuair a bha Ìosa air a dhol thairis a‑rithist san eathar chun an taoibh eile, chruinnich sluagh mòr timcheall air, agus bha e ri taobh na mara.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

21 Agus nuair a chaidh Iosa a‑rìs thairis anns an luing gus an taobh eile, chruinnicheadh sluagh mòr da ionnsaigh; agus bha e làimh ris a’ mhuir.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

21 Agus nuair a chaidh Iosa a‑rìs thairis anns an luing gus an taobh eile, chruinnicheadh sluagh mòr da ionnsaigh; agus bha e làimh ris a’ mhuir.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

21 Nuair a thill Iosa air ais chun an taobh thall, chruinnich sluagh mòr man cuairt air, ri oir an loch.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

21 ʼS nuair a chaidh Iosa thar an aiseag a rithist sa bhàta, thionail moran sluaigh ga ionnsuidh, agus bha e teann air a mhuir.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 5:21
5 Iomraidhean Croise  

Agus a' dol a‑steach do dh'eathar chaidh Ìosa thairis agus thàinig e dhan bhaile aige fhèin.


A‑rithist thòisich e air teagasg ri taobh na mara. Chruinnich sluagh fìor mhòr timcheall air, a dh'fhàg gun deach e a‑steach do dh'eathar, agus shuidh e innte air a' mhuir, agus bha an sluagh gu lèir ri taobh na mara air an tìr.


Agus a' fàgail an t‑sluaigh, thug iad leotha san eathar e, dìreach mar a bha e; agus bha eathraichean eile còmhla ris.


Nuair a chaidh e a‑mach às an eathar, sa bhad, o na tuaman, thachair duine ris anns an robh spiorad neòghlan,


A‑nis, nuair a thill Ìosa, chuir an sluagh fàilte air, oir bha iad uile ga fheitheamh.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan