Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 5:2 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

2 Nuair a chaidh e a‑mach às an eathar, sa bhad, o na tuaman, thachair duine ris anns an robh spiorad neòghlan,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

2 Agus nuair a chaidh e a‑mach as an luing, air ball thachair air as na h‑àitean-adhlaic duine anns an robh spiorad neòghlan,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

2 Agus nuair a chaidh e a‑mach as an luing, air ball thachair air as na h‑àitean‐adhlaic duine anns an robh spiorad neòghlan,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

2 Nuair a thàinig Iosa a‑mach ás a' bhàta, thachair fear anns an robh droch spiorad ris,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

2 ʼSa dol a mach as an eathar, ghrad-choinnich fear e a tighinn a mach as na h-uaighean anns an robh spiorad neoghlan,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 5:2
13 Iomraidhean Croise  

Dìreach an uair sin bha duine anns an robh spiorad neòghlan san t‑sionagog aca, agus dh'èigh e,


Dhubh‑chriothnaich an spiorad neòghlan e, agus ag èigheach le guth àrd, thàinig e a‑mach às.


airson 's gun tuirt iad, “Tha spiorad neòghlan aige.”


Agus thuirt e ri a dheisciobail eathar bheag a dheisealachadh air a shon air sgàth an t‑sluaigh, airson 's nach bruthadh iad e.


A‑rithist thòisich e air teagasg ri taobh na mara. Chruinnich sluagh fìor mhòr timcheall air, a dh'fhàg gun deach e a‑steach do dh'eathar, agus shuidh e innte air a' mhuir, agus bha an sluagh gu lèir ri taobh na mara air an tìr.


Agus a' fàgail an t‑sluaigh, thug iad leotha san eathar e, dìreach mar a bha e; agus bha eathraichean eile còmhla ris.


Nuair a bha Ìosa air a dhol thairis a‑rithist san eathar chun an taoibh eile, chruinnich sluagh mòr timcheall air, agus bha e ri taobh na mara.


aig an robh a dhachaigh anns na tuaman, agus cha b' urrainn neach sam bith a cheangal tuilleadh, fiù 's le sèinichean.


Oir bha e ag ràdh ris, “Thig a‑mach às an duine, a spioraid neòghlain!”


Ach sa bhad chuala boireannach aig an robh nighean bheag anns an robh spiorad neòghlan ma dheidhinn agus thàinig i is thuit i aig a chasan.


Nuair a bha Ìosa air a dhol a‑mach air tìr, choinnich duine às a' bhaile ris, anns an robh deamhain. Airson ùine mhòir cha robh e air aodach a chur air, agus cha robh e air fuireach ann an taigh, ach am measg nan tuam.


Fhad 's a bha e a' tighinn air adhart, thilg an deamhan sìos e, agus chrath e e. Ach chronaich Ìosa an spiorad neòghlan, agus leighis e an leanabh agus thug e air ais dha athair e.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan