Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 5:14 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

14 Agus theich iadsan a bha gam biathadh agus dh'aithris iad e sa bhaile agus san dùthaich. Agus thàinig daoine airson faicinn dè an rud a bh' air tachairt.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

14 Agus theich iadsan a bha ag ionaltradh nam muc, agus dh’innis iad sin, araon anns a’ bhaile, agus anns an tìr. Agus chaidh iad a‑mach a dh’fhaicinn ciod e an nì ud a thachair.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

14 Agus theich iadsan a bha ag ionaltradh nam muc, agus dh’innis iad sin, araon anns a’ bhaile, agus anns an tìr. Agus chaidh iad a‑mach a dh’fhaicinn ciod e an nì ud a thachair.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

14 Theich an fheadhainn a bha gam buachailleachd, 's dh'innis iad anns a' bhaile 's air feadh na dùthcha mar a thachair, 's thàinig daoine a‑mach a choimhead.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

14 Agus theich an fheadhainn a bha gam biadhadh, us dhʼinnis iad sa bhaile, us feadh na ducha. Agus chaidh iad a mach a dhʼfhaicinn ciod a thachair;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 5:14
5 Iomraidhean Croise  

“Na toiribh an rud naomh dha na coin agus na tilgibh ur neamhnaidean mu choinneamh nam muc, gun fhios nach saltair iad orra len casan agus a' tionndadh gun reub iad sibhse às a chèile.


Theich iadsan a bha gan ionaltradh, agus chaidh iad dhan bhaile, agus dh'aithris iad a h‑uile sìon, a' gabhail a‑steach na thachair dhaibhsan san robh na deamhain.


Mar sin thug e cead dhaibh, agus thàinig na spioradan neòghlan a‑mach, agus chaidh iad a‑steach dha na mucan; agus ruith an treud, timcheall air dà mhìle dhiubh, sìos gu luath air leathad cas dhan mhuir; agus chaidh am bàthadh sa mhuir.


Thàinig iad gu Ìosa agus chunnaic iad an duine anns an robh na deamhain, am fear aig an robh an Lègion, na shuidhe an sin, air èideadh agus ceart sa cheann; agus bha an t‑eagal orra.


Agus nuair a chunnaic iadsan a bha gam biathadh an rud a thachair, theich iad agus dh'aithris iad e anns a' bhaile agus anns an dùthaich.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan