Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 5:13 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

13 Mar sin thug e cead dhaibh, agus thàinig na spioradan neòghlan a‑mach, agus chaidh iad a‑steach dha na mucan; agus ruith an treud, timcheall air dà mhìle dhiubh, sìos gu luath air leathad cas dhan mhuir; agus chaidh am bàthadh sa mhuir.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

13 Agus air ball thug Iosa cead dhaibh; agus air dol a‑mach do na spioradan neòghlan, chaidh iad a‑steach anns na mucan, agus ruith an treud sìos gu dian le àite cas don fhairge (bha iad mu thimcheall dà mhìle), agus thachdadh iad anns an fhairge.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

13 Agus air ball thug Iosa cead dhaibh; agus air dol a‑mach do na spioradan neòghlan, chaidh iad a‑steach anns na mucan, agus ruith an treud sìos gu dian le àite cas don fhairge (bha iad mu thimcheall dà mhìle), agus thachdadh iad anns an fhairge.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

13 Thug esan cead dhaibh. Thàinig na droch spioradan a‑mach ás an duine, 's ghabh iad a‑steach dha na mucan. Thog an treud orra le roid, mu dhà mhìle dhiubh, sìos leis a' bhruthach a‑mach air an loch, 's chaidh am bàthadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

13 Agus thug Iosa cead dhaibh san uair. ʼS air dol a mach do na spioraid neoghlan, chaidh iad a stigh anns na mucan; us chaidh an treud, a bha mu dhà mhile, ʼnan deann-ruith an comhair an cinn sa mhuir, agus thachdadh iad sa mhuir.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 5:13
12 Iomraidhean Croise  

“Na toiribh an rud naomh dha na coin agus na tilgibh ur neamhnaidean mu choinneamh nam muc, gun fhios nach saltair iad orra len casan agus a' tionndadh gun reub iad sibhse às a chèile.


Agus thuirt e riutha, “Thallaibh!” Mar sin thàinig iad a‑mach agus chaidh iad a‑steach dha na mucan, agus seall, ruith an treud mhuc gu lèir gu luath sìos an leathad cas dhan mhuir, agus bhàsaich iad sna h‑uisgeachan.


Ghuidh na deamhain air Ìosa, “Cuir sinne dha na mucan; leig leinn a dhol a‑steach annta.”


Agus theich iadsan a bha gam biathadh agus dh'aithris iad e sa bhaile agus san dùthaich. Agus thàinig daoine airson faicinn dè an rud a bh' air tachairt.


Tha sibhse o ur n‑athair an diabhal agus is iad miannan ur n‑athar as toigh leibh a dhèanamh. Bha esan na mhurtair on toiseach, agus cha sheas e anns an fhìrinn, a chionn 's nach eil fìrinn ann. Nuair a dh'innseas e breug, is ann uaithe fhèin a tha e a' bruidhinn, oir is e breugaire a th' ann agus is esan athair na brèige.


a tha aig deas làimh Dhè, às dèidh dha a dhol do nèamh, 's e air ainglean is ùghdarrasan is cumhachdan a chur fo smachd.


Agus nuair a bhios am mìle bliadhna air a choileanadh, thèid Sàtan a chur mu sgaoil on phrìosan aige.


Agus tha rìgh aca thairis orra, aingeal na h‑Àibheis; 's e an t‑ainm a th' air ann an Eabhra, “Abaddon,” agus ann an Greugais 's e an t‑ainm a th' air, “Apollion.”


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan