Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 4:8 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

8 Agus thuit cuid eile air talamh math is thug e toradh a‑mach, a' fàs suas agus a' meudachadh, is ghiùlain e a thrithead, a sheasgad 's a cheud uiread.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

8 Agus thuit cuid eile air talamh math, agus thug e toradh uaithe a’ fàs suas agus a’ meudachadh; agus thug e a‑mach, cuid a dheich-ar‑fhichead uiread, agus cuid a thrì-fichead uiread, agus cuid a cheud uiread is a chuireadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

8 Agus thuit cuid eile air talamh math, agus thug e toradh uaithe a’ fàs suas agus a’ meudachadh; agus thug e a‑mach, cuid a dheich‐ar‑fhichead uiread, agus cuid a thrì‐fichead uiread, agus cuid a cheud uiread is a chuireadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

8 Thuit cuid eile air talamh math. Dh'fhàs e suas 's thàinig toradh air, a dheich-ar‑fhichead urad 's a thrì fichead urad 's a cheud urad.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

8 Agus thuit cuid eile air talamh math; agus dhʼfhas e suas, us chinnich e, agus thug e bhuaithe toradh, cuid deich thar fhichead, cuid tri fichead, agus cuid ciad fillte.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 4:8
21 Iomraidhean Croise  

An sìol a chaidh a chur ann an deagh thalamh, is e sin an neach a chluinneas am facal agus a thuigeas e. Tha esan dha‑rìribh a' giùlain toraidh agus a' toirt a‑mach a cheud, a sheasgad agus a thrithead uiread.”


Ach thuit cuid eile air talamh math agus thug e toradh a‑mach, cuid a cheud, cuid a sheasgad agus cuid a thrithead uiread.


Ach is iadsan a chaidh a chur ann an talamh math an fheadhainn a chluinneas am facal agus a ghabhas e is a bheir a‑mach toradh – a thrithead, a sheasgad agus a cheud uiread.”


Thuit cuid eile am measg dhroigheann, agus dh'fhàs na droighinn suas agus thachd iad e, agus cha tug e toradh a‑mach.


Agus thuirt e, “An neach aig a bheil cluasan airson cluinntinn, cluinneadh e.”


Agus a thaobh an t‑sìl a thuit air an talamh mhath, is iadsan an fheadhainn, às dèidh dhaibh am facal a chluinntinn, a tha ga chumail nan cridhe onarach agus math, agus a bheir a‑mach toradh le foighidinn.


Agus thuit cuid eile air talamh math, agus dh'fhàs e, agus thug e toradh a‑mach, a cheud uiread.” A' cantainn nan rudan seo, dh'èigh e, “Ge b' e cò aig a bheil cluasan airson cluinntinn, cluinneadh e.”


“Is mise am fìonan; is sibhse na geugan. An neach a dh'fhanas annamsa agus mise annsan, is esan a ghiùlaineas mòran toraidh; oir às m' aonais‑sa chan urrainn dhuibh aon rud a dhèanamh.


Ma tha neach sam bith ag iarraidh toil Dhè a dhèanamh, bidh fios aige mun teagasg, an ann o Dhia a tha e, no a bheil mise a' bruidhinn uam fhèin.


A‑nis bha iad seo na b' uaisle na iadsan ann an Tesalonìca; oir ghabh iad am facal thuca fhèin leis a h‑uile h‑eud, a' rannsachadh nan Sgriobtar gach latha airson faicinn an robh na rudan seo mar sin.


anns a bheil an togalach gu lèir, air a cheangal ri chèile, a' fàs gus a bhith na theampall naomh san Tighearna;


air ur lìonadh le toradh na fìreantachd a tha tro Ìosa Crìosd, gu glòir is cliù Dhè.


a th' air tighinn thugaibh, dìreach mar a tha e a' toirt a‑mach toraidh 's a' fàs san t‑saoghal gu lèir, eadhon mar a tha e cuideachd a' dèanamh nur measg‑se, on latha san cuala sibh e 's a thuig sibh gràs Dhè ann am fìrinn;


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan