Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 4:4 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

4 agus fhad 's a bha e a' cur, thuit cuid ri taobh an rathaid, agus thàinig na h‑eòin agus dh'ith iad e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

4 Agus thàrladh, nuair a chuir e an sìol, gun do thuit cuid dheth ri taobh an rathaid, agus thàinig eunlaith an adhair, agus dh’ith iad suas e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

4 Agus thàrladh, nuair a chuir e an sìol, gun do thuit cuid dheth ri taobh an rathaid, agus thàinig eunlaith an adhair, agus dh’ith iad suas e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

4 agus nuair a bha e ga chur, thuit cuid dheth air an rathad, 's thàinig na h‑eòin agus shluig iad e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

4 ʼS nuair a bha e cur, thuit cuid ri taobh an rathaid; agus thainig eoin an athair, agus dhʼich iad e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 4:4
8 Iomraidhean Croise  

A h‑uile neach a chluinneas facal na rìoghachd agus nach tuig e, tha an droch fhear a' tighinn agus a toirt air falbh na chaidh a chur na chridhe; is e seo an sìol a chaidh a chur ri taobh an rathaid.


agus fhad 's a bha e a' cur, thuit cuid ri taobh an rathaid, agus thàinig na h‑eòin agus dh'ith iad e.


Is iad seo an fheadhainn ri taobh an rathaid, far a bheil am facal air a chur: nuair a chluinneas iad, tha an Sàtan a' tighinn sa bhad agus a' toirt air falbh an fhacail a chaidh a chur annta.


“Èistibh! Chaidh fear‑cuir sìl a‑mach a chur sìl


Thuit cuid eile air àite creagach, far nach robh mòran talmhainn aige, agus sa bhad dh'fhàs e suas, a chionn 's nach robh doimhne talmhainn aige.


Is iadsan a tha ri taobh an rathaid an fheadhainn a tha air cluinntinn. Ach an uair sin tha an diabhal a' tighinn agus tha e a' toirt air falbh an fhacail às an cridheachan, airson 's nach creideadh iad 's gum biodh iad air an saoradh.


“Chaidh fear‑cuir sìl a‑mach a chur. Agus fhad 's a bha e a' cur, thuit cuid ri taobh an rathaid agus chaidh stampadh air, agus dh'ith eòin an adhair e.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan