Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 4:35 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

35 Air an latha sin, nuair a bha am feasgar air tighinn, thuirt e riutha, “Rachamaid thairis chun an taoibh eile.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

35 Agus thubhairt e riu air an là sin fhèin, air teachd don fheasgar, Rachamaid thairis gus an taobh eile.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

35 Agus thubhairt e riu air an là sin fhèin, air teachd don fheasgar, Rachamaid thairis gus an taobh eile.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

35 An là sin fhèin, nuair a thàinig am feasgar, thuirt e riu, “Rachamaid a‑null chun an taobh eile.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

35 Us thuirt e riu an latha sin fhein, nuair thainig am feasgar: Rachamaid null thun an taoibh eile.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 4:35
11 Iomraidhean Croise  

Sa bhad thug e air na deisciobail a dhol dhan eathar agus a dhol roimhe chun an taoibh thall, fhad 's a chuir e fhèin an sluagh air falbh.


A‑nis nuair a chunnaic Ìosa sluagh timcheall air, dh'àithn e a dhol a‑null chun an taoibh eile.


Nuair a bha Ìosa air a dhol thairis a‑rithist san eathar chun an taoibh eile, chruinnich sluagh mòr timcheall air, agus bha e ri taobh na mara.


Sa bhad thug e air a dheisciobail a dhol dhan eathar agus a dhol roimhe chun an taoibh thall, gu Betsaida, fhad 's a chuir e fhèin an sluagh air falbh.


Agus dh'fhàg e iad, agus às dèidh dha a dhol a‑steach dhan eathar a‑rithist, chaidh e chun an taoibh eile.


Aon latha chaidh e a‑steach do dh'eathar còmhla ri a dheisciobail, agus thuirt e riutha, “Rachamaid thairis gu taobh thall an locha.” Agus chuir iad a‑mach o thìr.


Thuirt e riutha, “Càit a bheil ur creideamh?” Agus bha iad fo eagal, is ghabh iad iongnadh, ag ràdh ri chèile, “Cò mar sin a tha seo, 's gu bheil e fiù 's a' toirt àithne dha na gaothan 's dhan uisge, agus tha iad umhail dha.”


Às dèidh seo dh'fhalbh Ìosa gu taobh thall Muir Ghalile (is e sin Muir Thiberiais),


agus a' dol air bòrd eathair thòisich iad air a dhol thairis air a' mhuir gu Capernàum. Mun àm seo bha e a‑nis dorcha, agus cha robh Ìosa fhathast air tighinn thuca.


Nuair a lorg iad e air taobh thall na mara, thuirt iad ris, “A Rabaidh, cuin a thàinig thu an seo?”


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan