Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 4:33 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

33 Le mòran chosamhlachdan dhen leithid sin bhruidhinn e am facal riutha, a rèir mar a b' urrainn dhaibh èisteachd.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

33 Agus le iomadh de a leithidean sin de chosamhlachdan labhair e am facal riu, a rèir mar a b’urrainn iad a chluinntinn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

33 Agus le iomadh de a leithidean sin de chosamhlachdan labhair e am facal riu, a rèir mar a b’urrainn iad a chluinntinn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

33 Bha e a' cur an cèill an fhacail dhaibh le iomadh samhladh dhen t‑seòrsa seo, a‑rèir 's mar a b'urrainn dhaibh a ghabhail a‑steach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

33 Agus le ioma dubhfhacal deʼn leithidean so, labhair e riu am facal, air reir ʼs mar bʼurrainn daibh eisdeachd:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 4:33
7 Iomraidhean Croise  

Agus dh'innis e mòran rudan dhaibh ann an cosamhlachdan, ag ràdh: “Seallaibh, chaidh fear‑cuir sìl a‑mach a chur sìl


ach às dèidh a cur, fàsaidh i suas agus thig i gus a bhith nas motha na na lusan‑gàrraidh uile, agus cuiridh i geugan cho mòr a‑mach is gun urrainn do dh'eòin an adhair neadan a dhèanamh fo a sgàil.


Cha do bhruidhinn e riutha gun chosamhlachd, ach gu prìobhaideach bha e a' mìneachadh a h‑uile rud dha dheisciobail fhèin.”


“Tha tòrr rudan agam fhathast ri ràdh ribh, ach chan urrainn dhuibh an giùlain an‑dràsta.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan