Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 4:31 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

31 Tha i coltach ri gràinne mustaird, rud – nuair a thèid a chur san talamh – as lugha dhe na sìl gu lèir a th' air thalamh,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

31 Is cosmhail i ri gràinne mustaird, nì, nuair a chuirear anns an talamh e, as lugha de na h‑uile phòran a tha air thalamh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

31 Is cosmhail i ri gràinne mustaird, nì, nuair a chuirear anns an talamh e, as lugha de na h‑uile phòran a tha air thalamh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

31 Tha i coltach ri gràinne a shìol mustard. Chan eil sìol air thalamh cho beag ris an t‑sìol seo nuair a thathar ga chur.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

31 Tha i coltach ri grainne de shiol mustaird, fras, nuair a chuirear san talamh i, is lugha deʼn h-uile siol a tha air thalamh:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 4:31
30 Iomraidhean Croise  

A‑rithist thuirt e, “Dè ris an samhlaich sinn rìoghachd Dhè, no dè a' chosamhlachd a chleachdas sinn air a son?


ach às dèidh a cur, fàsaidh i suas agus thig i gus a bhith nas motha na na lusan‑gàrraidh uile, agus cuiridh i geugan cho mòr a‑mach is gun urrainn do dh'eòin an adhair neadan a dhèanamh fo a sgàil.


Fhreagair an Tighearna, “Nam biodh creideamh agaibh mar ghràinne de shìol mustaird, chanadh sibh ris a' chraoibh shiceamain seo, ‘Bi air do spìonadh às do bhun, agus bi air do shuidheachadh san fhairge.’ Agus bhiodh i umhail dhuibh.


Mar sin chùm facal an Tighearna air a' fàs agus a' buadhachadh gu cumhachdach.


Mar sin bha iadsan a ghabh ri fhacal‑san air am baisteadh, agus chaidh mu thrì mìle anam a chur riutha an latha sin.


Agus nuair a chuala iad e, thug iad glòir do Dhia. Agus thuirt iad ris, “Tha thu a' faicinn, a bhràthair, cia mheud mìle a th' ann am measg nan Iùdhach dhiubhsan a th' air creidsinn, agus tha iad uile eudmhor airson an lagha,


Ach chreid mòran dhiubhsan a bh' air am facal a' chluinntinn; agus thàinig àireamh nan daoine gus a bhith mu thimcheall air còig mìle.


Agus chaidh tòrr a bharrachd chreidmheach a chur ris an Tighearna, sluagh mòr, an dà chuid de dh'fhir agus de bhoireannaich,


Agus shèid an seachdamh aingeal an trombaid, agus bha guthan àrda ann an nèamh ag ràdh: “Tha rìoghachd an t‑saoghail air tighinn gu bhith na rìoghachd ar Tighearna agus a Chrìosd‑san, agus riaghlaidh e gu saoghal nan saoghal.”


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan