Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 4:26 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

26 Thuirt e cuideachd, “Tha rìoghachd Dhè mar gun sgaoileadh duine sìol air an talamh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

26 Agus thubhairt e, Is amhail rìoghachd Dhè, mar gun cuireadh duine sìol anns an talamh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

26 Agus thubhairt e, Is amhail rìoghachd Dhè, mar gun cuireadh duine sìol anns an talamh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

26 Thuirt e, “Seo mar a tha rìoghachd Dhè. Tha i mar gun sgapadh fear sìol air an talamh,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

26 Us thuirt e: Mar so tha rioghachd Dhe mar gun tilgeadh duine siol anns an talamh,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 4:26
24 Iomraidhean Croise  

Agus fhreagair e iad, “Chaidh a thoirt dhuibhse eòlas a bhith agaibh air dìomhaireachdan rìoghachd nèimh, ach dhaibhsan cha deach a thoirt.


Chuir e cosamhlachd eile mun coinneamh, ag ràdh, “Faodaidh rìoghachd nèimh a bhith air a samhlachadh ri duine a chuir sìol math na achadh.


Agus dh'innis e mòran rudan dhaibh ann an cosamhlachdan, ag ràdh: “Seallaibh, chaidh fear‑cuir sìl a‑mach a chur sìl


Chuir e cosamhlachd eile mun coinneamh, ag ràdh, “Tha rìoghachd nèimh coltach ri gràinne de shìol mustaird a ghabh duine agus a chuir e na achadh.


Dh'innis e cosamhlachd eile dhaibh: “Tha rìoghachd nèimh coltach ri taois ghoirt, a ghabh boireannach agus a dh'fhalaich i ann an trì tomhasan mine, gus an do dh'èirich e gu lèir.”


ag ràdh, “Dèanaibh aithreachas, oir tha rìoghachd nèimh faisg air làimh.”


On àm sin thòisich Ìosa air searmonachadh, ag ràdh, “Dèanaibh aithreachas, oir tha rìoghachd nèimh faisg air làimh.”


Oir an neach aig a bheil, thèid toirt dha, agus an neach aig nach eil, thèid fiù 's na th' aige a thoirt uaithe.”


Caidlidh is èiridh e a dh'oidhche 's a latha, agus bòrcaidh is fàsaidh an sìol air dhòigh 's nach aithne dha.


An uair sin thuirt e, “Cò ris a tha rìoghachd Dhè coltach, agus cò ris a shamhlaicheas mi i?


“Is e seo ciall na cosamhlachd: is e an sìol facal Dhè.


“Chaidh fear‑cuir sìl a‑mach a chur. Agus fhad 's a bha e a' cur, thuit cuid ri taobh an rathaid agus chaidh stampadh air, agus dh'ith eòin an adhair e.


Gu deimhinn, deimhinn tha mi ag ràdh ribh, mura tuit gràinne cruithneachd dhan talamh agus gum bàsaich i, fanaidh i na h‑aonar, ach ma bhàsaicheas i, bheir i a‑mach toradh mòr.


agus tha toradh na fìreantachd air a chur ann an sìth le luchd‑dèanamh na sìthe.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan