Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 4:21 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

21 Thuirt e riutha, “A bheil lampa air a toirt a‑steach airson 's gun tèid a cur fo shoitheach, no fo leabaidh? Nach ann airson a cur air an lampair?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

21 Agus thubhairt e riu, An toirear coinneal a‑chum gun cuirear i fo bheul soithich, no fo leabaidh? Nach ann a‑chum a cur ann an coinnleir?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

21 Agus thubhairt e riu, An toirear coinneal a‑chum gun cuirear i fo bheul soithich, no fo leabaidh? Nach ann a‑chum a cur ann an coinnleir?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

21 Thuirt e riu, “Cò an duine a bheireadh a‑steach lampa 's a chuireadh i fo mhìs no fon leabaidh? Nach ann a chuireadh e air a' bhòrd i?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

21 Us thuirt e riu: An toirear coinneal, gus a cur fo shaghach, no fo leabaidh? nach ann gus a cur an coinnleir?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 4:21
7 Iomraidhean Croise  

Cha mhotha a tha daoine a' lasadh lampa agus ga cur fo shoitheach, ach air an lampair, agus tha i a' soillseachadh an taighe gu lèir.


“Chan eil neach sam bith, às dèidh dha lampa a lasadh, ga cur ann an àite falaichte no fo chuinneig ach air an lampair, airson 's gum faic an fheadhainn a thig a‑steach an solas.


“Chan eil neach sam bith a' lasadh lampa agus ga falach le soitheach no ga cur fo leabaidh. An àite sin cuiridh e air lampair i, airson 's gum faic iadsan a thig a‑steach an solas.


Ach do gach aon tha foillseachadh an Spioraid air a thoirt, airson maith nan uile.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan