Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 4:2 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

2 Agus bha e a' teagasg mòran rudan dhaibh ann an cosamhlachdan, agus na theagasg thuirt e riutha,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

2 Agus theagaisg e dhaibh mòran de nithean ann an cosamhlachdan, agus thubhairt e riu na theagasg,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

2 Agus theagaisg e dhaibh mòran de nithean ann an cosamhlachdan, agus thubhairt e riu na theagasg,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

2 Bha e a' cleachdadh mòran shamhlaidhean gan teagasg 's thuirt e riu,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

2 Agus theagasg e moran nichean dhaibh an dubhfhacail, us thuirt e riu ʼna theagasg:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 4:2
15 Iomraidhean Croise  

An uair sin thàinig na deisciobail is thuirt iad ris, “Carson a tha thu a' bruidhinn riutha ann an cosamhlachdan?”


Agus dh'innis e mòran rudan dhaibh ann an cosamhlachdan, ag ràdh: “Seallaibh, chaidh fear‑cuir sìl a‑mach a chur sìl


Agus nuair a chrìochnaich Ìosa na briathran seo, ghabh na slòigh iongnadh ri theagasg‑san,


Dh'èirich Ìosa on àite sin agus chaidh e gu ceàrnaidhean Iudèa is thairis air Iòrdan, agus chruinnich slòigh thuige a‑rithist. Agus a‑rithist, mar a b' fhasan dha, theagaisg e iad.


Agus thòisich Ìosa air bruidhinn riutha ann an cosamhlachdan: “Chuir duine fìon‑lios, agus chuir e balla timcheall air agus chladhaich e amar‑fìona, agus thog e tùr; agus thug e air mhàl do thuathanaich e agus dh'fhàg e an dùthaich.


Agus na theagasg thuirt e, “Bithibh air ur faiceall o na sgrìobhaichean, leis an toigh l' a bhith a' coiseachd mun cuairt ann an culaidhean fada agus fàilte fhaighinn sna margaidhean,


Agus ghairm e thuige iad agus thuirt e riutha ann an cosamhlachdan, “Ciamar as urrainn dhan t‑Sàtan an Sàtan a thilgeil a‑mach?


Thuirt e riutha, “Dhuibhse chaidh dìomhaireachd rìoghachd Dhè a thoirt, ach dhaibhsan a th' air an taobh a‑muigh tha a h‑uile rud ann an cosamhlachdan


“Èistibh! Chaidh fear‑cuir sìl a‑mach a chur sìl


An uair sin cheasnaich an t‑àrd‑shagart Ìosa mu a dheisciobail agus mu a theagasg.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan