Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 4:17 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

17 Agus chan eil freumh aca annta fhèin, ach mairidh iad ùine ghoirid. An uair sin, nuair a dh'èireas àmhghar no geur‑leanmhainn air sgàth an fhacail, sa bhad tha iad a' tuiteam air falbh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

17 Agus chan eil freumh aca annta fhèin, ach mairidh iad rè sealain; na dhèidh sin, nuair a dh’èireas àmhghar no geur-leanmhainn airson an fhacail, air ball tha iad a’ gabhail oilbheim.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

17 Agus chan eil freumh aca annta fhèin, ach mairidh iad rè sealain; na dhèidh sin, nuair a dh’èireas àmhghar no geur‐leanmhainn airson an fhacail, air ball tha iad a’ gabhail oilbheim.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

17 Ach a chionns nach eil freumh aca annta fhèin, chan eil iad a' seasamh ach ùine ghoirid, 's nuair a thig trioblaid agus sàrachadh air sgàth an fhacail, tha iad a' tuiteam.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

17 ʼS cha n-eil friamh aca; unnta fhein, ach mairidh iad car tamuill; agus an deigh sin nuair a dhʼeirgheas trioblaid agus geur leanmhuinn air son an fhacail, tha iad a gabhail sgainneil san uair.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 4:17
23 Iomraidhean Croise  

Agus is beannaichte an neach nach gabh oilbheum air mo sgàth‑sa.


Mar sin, tha mi ag ràdh ribh gum bi a h‑uile peacadh agus toibheum air am mathadh do dhaoine, ach cha bhi toibheum an aghaidh an Spioraid air a mhathadh.


ach chan eil freumh aige ann fhèin, ach mairidh e ùine ghoirid, agus nuair a thig trioblaid no geur‑leanmhainn air sgàth an fhacail, sa bhad tuitidh e air falbh.


Agus is iad seo an fheadhainn a th' air an cur air àite creagach: an fheadhainn, nuair a chluinneas iad am facal, a ghabhas e sa bhad le gàirdeachas.


Agus tha feadhainn eile air an cur am measg dhroigheann: is iad sin an fheadhainn a chluinneas am facal;


Agus a h‑uile neach a chanas facal an aghaidh Mhic an Duine, thèid a mhathadh dha, ach dhan neach a chanas toibheum an aghaidh an Spioraid Naoimh cha tèid mathanas a thoirt dha.


Mar sin thuirt Ìosa ris na h‑Iùdhaich a chreid ann, “Ma dh'fhanas sibh dìleas dham theagasg‑sa, is sibh dha‑rìribh mo dheisciobail


Tha iadsan a tha ag iarraidh taisbeanadh math a dhèanamh san fheòil gur n‑èigneachadh gus a bhith air ur timcheall‑ghearradh, dìreach gus nach tèid geur‑leanmhainn a dhèanamh orrasan airson crann‑ceusaidh Chrìosd.


'S aithne dhuibh seo, gun do thionndaidh iad uile air falbh uam ann an Àisia, nam measg‑san tha Phigelus is Hermogenes.


Oir thrèig Dèmas mi, a ghràdhaich an saoghal a tha an làthair, agus chaidh e gu Tesalonìca. Chaidh Cresens gu Galàtia. Chaidh Tìtus gu Dalmàtia.


Aig mo chiad dhìon cha do sheas duine còmhla rium, ach thrèig iad uile mi, ach na biodh e air a chunntas nan aghaidh.


Nach ann nas miosa a shaoileas sibh a bhios am peanas a tha freagarrach dhàsan a shaltair Mac Dhè fo a chasan, a thruaill fuil a' chùmhnaint leis an deach a naomhachadh agus a thàmailtich Spiorad a' ghràis?


Chaidh iad a‑mach bhuainne, ach cha bhuineadh iad dhuinne. Oir nam b' ann dhuinne a bhuineadh iad, bhiodh iad air fuireach còmhla rinn; ach tha an fhàgail aca a' dèanamh follaiseach nach ann dhinne a bha iad.


Na biodh eagal idir ort o na tha thu dol a dh'fhulang. Seall! Tha Sàtan gus cuid agaibh a thilgeil dhan phrìosan gus an tèid ur dearbhadh, agus bidh trioblaid agaibh airson deich latha. Bi dìleas gu bàs, agus bheir mi crùn na beatha dhut.


Tha fios agam càit a bheil thu a' fuireach, far a bheil rìgh‑chathair Shàtain, agus tha thu a' cumail grèim daingeann air m' ainm, agus cha do dh'àich thu mo chreideamh, eadhon ann an làithean Antipais m' fhianais dhìleas, a chaidh a mharbhadh nur measg, far a bheil Sàtan a' fuireach.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan