Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 4:10 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

10 Nuair a bha e na aonar, dh'fhaighnich iadsan a bha mun cuairt air, còmhla ris an dà fhear dheug, mu dheidhinn na cosamhlachd.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

10 Agus nuair a bha e na aonar, dh’fheòraich iadsan a bha mun cuairt dha, maille ris an dà‑fhear-dheug, an cosamhlachd dheth.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

10 Agus nuair a bha e na aonar, dh’fheòraich iadsan a bha mun cuairt dha, maille ris an dà‑fhear‐dheug, an cosamhlachd dheth.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

10 Nuair a dh'fhalbh an sluagh, chuir an fheadhainn a bha còmhla ris agus an dà fhear dheug ceistean air mu na samhlaidhean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

10 Agus nuair a bha e leis fhein, dhʼfhaighnich na dhà-dhiag, a bha comhla ris, an dubhfhacal dheth.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 4:10
9 Iomraidhean Croise  

Agus dh'innis e mòran rudan dhaibh ann an cosamhlachdan, ag ràdh: “Seallaibh, chaidh fear‑cuir sìl a‑mach a chur sìl


An uair sin dh'fhàg e an sluagh agus chaidh e a‑steach dhan taigh. Agus thàinig a dheisciobail thuige, ag ràdh, “Mìnich dhuinne cosamhlachd luibhean an achaidh.”


Thuirt e riutha, “Dhuibhse chaidh dìomhaireachd rìoghachd Dhè a thoirt, ach dhaibhsan a th' air an taobh a‑muigh tha a h‑uile rud ann an cosamhlachdan


Cha do bhruidhinn e riutha gun chosamhlachd, ach gu prìobhaideach bha e a' mìneachadh a h‑uile rud dha dheisciobail fhèin.”


Agus thuirt e, “An neach aig a bheil cluasan airson cluinntinn, cluinneadh e.”


Agus nuair a chaidh e a‑steach do thaigh air falbh on t‑sluagh, dh'fhaighnich a dheisciobail dha mun abairt aige.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan