Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 3:9 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

9 Agus thuirt e ri a dheisciobail eathar bheag a dheisealachadh air a shon air sgàth an t‑sluaigh, airson 's nach bruthadh iad e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

9 Agus thubhairt e ra dheisciobail long bheag a bhith a’ feitheamh air, airson an t‑sluaigh, a‑chum nach dòmhlaicheadh iad e:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

9 Agus thubhairt e ra dheisciobail long bheag a bhith a’ feitheamh air, airson an t‑sluaigh, a‑chum nach dòmhlaicheadh iad e:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

9 Air eagal 's gun teannaicheadh an sluagh air, dh'iarr e air a dheisciobail bàta a bhith deiseil dha;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

9 Agus thuirt e ri dheisciopuil, saghach beag a bhith ga fhreasdal as leth an t-sluaigh, eagal gun domhlaicheadh iad e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 3:9
9 Iomraidhean Croise  

Agus às dèidh dha an sluagh a chur air falbh, chaidh e a‑steach dhan eathar agus chaidh e gu ceàrnaidh Mhagadan.


A‑rithist thòisich e air teagasg ri taobh na mara. Chruinnich sluagh fìor mhòr timcheall air, a dh'fhàg gun deach e a‑steach do dh'eathar, agus shuidh e innte air a' mhuir, agus bha an sluagh gu lèir ri taobh na mara air an tìr.


Agus a' fàgail an t‑sluaigh, thug iad leotha san eathar e, dìreach mar a bha e; agus bha eathraichean eile còmhla ris.


Nuair a chaidh e a‑mach às an eathar, sa bhad, o na tuaman, thachair duine ris anns an robh spiorad neòghlan,


Sa bhad dh'aithnich Ìosa ann fhèin gun robh cumhachd air a dhol a‑mach às, agus thionndaidh e mun cuairt am measg an t‑sluaigh, agus thuirt e, “Cò a bhean rim aodach?”


Agus chaidh iad air falbh san eathar gu àite fàsail leotha fhèin.


Ach thachair, nuair a bha an sluagh a' teannadh dlùth ris airson facal Dhè a chluinntinn, gun do sheas e ri taobh loch Ghenesaret,


Agus chaidh e a‑steach a dh'aon dhe na h‑eathraichean, a bha le Sìmon, agus dh'iarr e air a dhol a‑mach beagan o thìr. Agus shuidh e sìos is theagaisg e an sluagh on eathar.


Mar sin nuair a thuig Ìosa gun robh iad am beachd tighinn agus breith air le làimh làidir airson 's gun dèanadh iad rìgh dheth, tharraing e air ais a‑rithist dhan bheinn na aonar.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan