Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 3:7 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

7 Tharraing Ìosa air ais chun na mara còmhla ri a dheisciobail, agus lean sluagh mòr e o Ghalile agus o Iudèa,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

7 Ach chaidh Iosa maille ra dheisciobail air leth a‑chum na mara: agus lean sluagh mòr e o Ghalile, agus o Iudèa.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

7 Ach chaidh Iosa maille ra dheisciobail air leth a‑chum na mara: agus lean sluagh mòr e o Ghalile, agus o Iudèa.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

7 Dh'fhalbh Iosa 's a dheisciobail leo fhèin gu taobh an loch, 's thàinig sluagh mòr a mhuinntir Ghalile às an dèidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

7 Ach chaidh Iosa maille ri dheisciopuil a lethtaobh thun na mara; agus lean moran sluaigh e bho Ghalile ʼs bho Iudéa,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 3:7
20 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a nì iad geur‑leanmhainn oirbh ann an aon bhaile, teichibh gu baile eile; oir gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh nach bi sibh air sgur a dhol air feadh bhailtean Israeil mun tig Mac an Duine.


Ach, mothachail mun seo, tharraing Ìosa air ais à sin. Lean mòran e agus leighis e iad uile,


agus thug e rabhadh dhaibh gun innse cò a bh' ann,


Agus lean sluagh mòr e o Ghalile is o Dhecapolis, agus o Ierusalem is o Iudèa, agus o thaobh thall Iòrdain.


Agus chaidh e tro Ghalile gu lèir a' searmonachadh anns na sionagogan aca agus a' tilgeil a‑mach dheamhain.


Ach chaidh esan a‑mach agus thòisich e air tòrr aithris a dhèanamh agus air an naidheachd a sgaoileadh mun cuairt, air chor is nach b' urrainn do dh'Ìosa tuilleadh a dhol gu follaiseach a‑steach do bhaile. Ach dh'fhan e a‑muigh ann an àiteachan fàsail agus bha daoine a' tighinn thuige on a h‑uile taobh.


An uair sin chaidh e dhachaigh, agus chruinnich an sluagh a‑rithist, air chor 's nach robh e an comas dhaibh fiù 's aran ithe.


A‑rithist thòisich e air teagasg ri taobh na mara. Chruinnich sluagh fìor mhòr timcheall air, a dh'fhàg gun deach e a‑steach do dh'eathar, agus shuidh e innte air a' mhuir, agus bha an sluagh gu lèir ri taobh na mara air an tìr.


Ach chùm iadsan orra, ag ràdh, “Tha e a' brosnachadh an t‑sluaigh, a' teagasg tro Iudèa uile, o Ghalile far an do thòisich e eadhon thuige seo.”


Anns na làithean sin chaidh esan a‑mach chun na beinne a dhèanamh ùrnaigh, agus chuir e seachad fad na h‑oidhche ann an ùrnaigh ri Dia.


Agus thàinig e a‑nuas leotha agus sheas e air àite còmhnard. Bha sluagh mòr dhe na deisciobail aige an sin agus buidheann mhòr de dhaoine o Iudèa uile agus Ierusalem agus o cheàrnaidh‑fairge Thìruis agus Shìdoin,


Thuirt feadhainn eile, “Is e seo an Crìosd.” Ach thuirt buidheann eile, “Chan ann o Ghalile a thig an Crìosd, an ann?


Fhreagair iadsan, “Chan ann o Ghalile a tha thusa cuideachd, an ann? Rannsaich, agus faic nach eil fàidh ag èirigh à Galile.”


Sa bhad chuir na bràithrean Pòl is Silas air falbh san oidhche gu Berèa, agus nuair a ràinig iad, chaidh iad a‑steach do shionagog nan Iùdhach.


An uair sin sa bhad chuir na bràithrean Pòl a‑mach air a shlighe chun na mara, ach dh'fhan Silas is Timòteus an sin.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan