Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 3:6 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

6 Sa bhad chaidh na Pharasaich a‑mach còmhla ri na Heròdianaich agus bha iad a' gabhail comhairle le chèile na aghaidh‑san mu mar a sgriosadh iad e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

6 Agus chaidh na Pharasaich a‑mach, agus ghabh iad comhairle air ball maille ri luchd-leanmhainn Heroid na aghaidh-san, cionnas a dh’fhaodadh iad a sgrios.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

6 Agus chaidh na Pharasaich a‑mach, agus ghabh iad comhairle air ball maille ri luchd‐leanmhainn Heroid na aghaidh‐san, cionnas a dh’fhaodadh iad a sgrios.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

6 Thog na Pharasaich orra, 's chuir iad an comhairle ri muinntir Heroid feuch ciamar a chuireadh iad ás dha.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

6 ʼSna Phairisich a dol a mach, ghabh iad comhairle san uair cuide ris na Herodianich ʼna aghaidh, fiach ciamar a chuireadh iad a dhith e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 3:6
10 Iomraidhean Croise  

Ach chaidh na Pharasaich a‑mach agus ghabh iad comhairle le chèile na aghaidh‑san, a thaobh mar a sgriosadh iad e.


Agus chuir iad an deisciobail thuige, cuide ri na Heròdianaich, ag ràdh, “Fhir‑Teagaisg, tha fios againn gu bheil thusa fìrinneach, agus gu bheil thu a' teagasg slighe Dhè ann am fìrinn, agus nach eil dragh ort mu bheachd neach sam bith, oir chan eil thu a' gabhail suim de choltas dhaoine.


An uair sin chuir iad cuid dhe na Pharasaich is dhe na Heròdianaich thuige airson 's gun glacadh iad na chainnt e.


Agus thug e àithne dhaibh, ag ràdh, “Thoiribh an aire, bithibh faiceallach mu thaois ghoirt nam Pharasach, agus mu thaois ghoirt Heroid.”


Agus bha na h‑àrd‑shagartan agus na sgrìobhaichean a' sireadh ciamar a chuireadh iad às do dh'Ìosa, oir bha eagal an t‑sluaigh orra.


Agus bha iadsan air an lìonadh le cuthach agus rinn iad deasbad ri chèile a thaobh dè a dhèanadh iad ri Ìosa.


Mar sin, on latha sin a‑mach, rinn iad innleachd airson esan a chur gu bàs.


a thuirt leis an Spiorad Naomh, tro bheul ar n‑athar Daibhidh, do sheirbheiseach: “‘Carson a ghabh na Cinnich an caoch, agus a rinn an sluagh innleachd dhìomhain?’


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan