Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 3:5 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

5 Sheall e mun cuairt orra le feirg, air a chràdh gu domhainn air sgàth cruas an cridhe, agus thuirt e ris an duine, “Sìn a‑mach do làmh.” Shìn e a‑mach i, agus chaidh a làmh aiseag slàn dha.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

5 Agus nuair a dh’amhairc e mun cuairt orra le feirg, air dha a bhith duilich airson cruas an cridhe, thubhairt e ris an duine, Sìn a‑mach do làmh. Agus shìn e a‑mach i; agus rinneadh slàn i mar an làmh eile.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

5 Agus nuair a dh’amhairc e mun cuairt orra le feirg, air dha a bhith duilich airson cruas an cridhe, thubhairt e ris an duine, Sìn a‑mach do làmh. Agus shìn e a‑mach i; agus rinneadh slàn i mar an làmh eile.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

5 Sheall e orra gu feargach, 's chuir cruas an cridhe mulad air. An sin thuirt e ris an duine, “Sìn a‑mach do làmh.” Shìn e a‑mach i 's bha i air a dèanamh slàn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

5 ʼSa g-amharc orra mun cuairt le feirg ʼs le duilichinn air son doille an cridhe, thuirt e ris an duine: Sìn a mach do lamh. Agus shìn e i: us rinneadh slan a lamh dha.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 3:5
29 Iomraidhean Croise  

An uair sin thuirt e ris an duine, “Sìn a‑mach do làmh.” Agus shìn e a‑mach i, agus bha i air a h‑aiseag slàn mar an tèile.


Agus thuirt e riutha, “A bheil e ceadaichte air làithean na Sàbaid math a dhèanamh no olc, anam a shàbhaladh no a sgrios?” Ach dh'fhan iadsan sàmhach.


An uair sin fhreagair an Tighearna e, “A bhreug‑chràbhaichean! Nach fuasgail gach aon agaibh an damh no an t‑asal aige on phrasaich air latha na Sàbaid agus nach toir e a‑mach airson deoch e?


Nuair a chunnaic e iad, thuirt e riutha, “Thallaibh agus seallaibh sib' fhèin dha na sagartan.” Agus fhad 's a bha iad a' falbh, chaidh an dèanamh glan.


Agus às dèidh coimhead mun cuairt orra uile, thuirt e ris an duine, “Sìn a‑mach do làmh.” Agus rinn e sin, agus chaidh a làmh aiseag slàn dha.


Thuirt e ris, “Fhalbh 's glan thu fhèin ann an linne Shilòaim” (a tha a' ciallachadh ‘Air a Chur’). Mar sin dh'fhalbh e, agus ghlan e e fhèin, agus thàinig e air ais is e a' faicinn.


Oir chan eil mi ag iarraidh gum bi sibhse aineolach mun dìomhaireachd seo, a bhràithrean, airson 's nach bidh sibh glic nur barail fhèin – gu bheil cruadhachadh ann am pàirt air tighinn air Israel gus am bi làn‑àireamh nan Cinneach air tighinn a‑steach.


Ach bha an inntinnean air an cruadhachadh; oir, gus an latha an‑diugh ann an leughadh an t‑seann tiomnaidh tha an aon chòmhdach a' fantainn gun togail, oir is ann an Crìosd a tha e air a thoirt air falbh.


air an dorchnachadh nan tuigse, nan coimhich do bheatha Dhè air sgàth an aineolais a th' annta, air sgàth cruas an cridhe,


“Bithibh feargach 's na peacaichibh”, na leigibh leis a' ghrèin a dhol fodha air ur corraich,


Agus na cuiribh doilgheas air Spiorad Naomh Dhè, leis an deach seula a chur oirbh gu latha na saorsa.


fad dà fhichead bliadhna, air an adhbhar sin, bha fearg orm ris a' ghinealach sin, agus thuirt mi, ‘Tha iad an‑còmhnaidh air seachran nan cridhe, agus cha b' aithne dhaibh mo shlighean‑sa.’


Agus cò ris a bha e feargach fad dà fhichead bliadhna? Nach ann riuthasan a pheacaich, leis an robh na cuirp a thuit san fhàsach?


Agus air a dhèanamh foirfe, chaidh a dhèanamh dhaibhsan uile a bheir ùmhlachd dha, na adhbhar sàbhalaidh sìorraidh,


Agus thuirt iad ris na beanntan 's ris na creagan, “Tuitibh oirnn agus falaichibh sinn o aghaidh an Aoin a tha na shuidhe air an rìgh‑chathair, agus o fheirge an Uain.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan