Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 3:23 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

23 Agus ghairm e thuige iad agus thuirt e riutha ann an cosamhlachdan, “Ciamar as urrainn dhan t‑Sàtan an Sàtan a thilgeil a‑mach?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

23 Agus ghairm e iad da ionnsaigh, agus thubhairt e riu ann an cosamhlachdan, Cionnas a dh’fhaodas Sàtan Sàtan a thilgeadh a‑mach?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

23 Agus ghairm e iad da ionnsaigh, agus thubhairt e riu ann an cosamhlachdan, Cionnas a dh’fhaodas Sàtan Sàtan a thilgeadh a‑mach?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

23 Ghairm Iosa thuige fhèin iad, 's thòisich e air bruidhinn riu ann an samhlaidhean: “Ciamar as urrainn dhan t‑Sàtan an Sàtan a thilgeil a‑mach?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

23 ʼS an deigh an gairm ri cheile, thuirt e riu ann an dubhfhacail: Ciamar is urrainn Satan Satan a thilgeadh a mach?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 3:23
10 Iomraidhean Croise  

Agus dh'innis e mòran rudan dhaibh ann an cosamhlachdan, ag ràdh: “Seallaibh, chaidh fear‑cuir sìl a‑mach a chur sìl


Thuirt Ìosa na rudan seo uile ris an t‑sluagh ann an cosamhlachdan; agus às aonais cosamhlachd cha do bhruidhinn e riutha.


An uair sin thuirt Ìosa ris, “Thalla uam, a Shàtain! Oir tha e sgrìobhte, ‘Nì thu adhradh dhan Tighearna do Dhia, agus dhàsan a‑mhàin nì thu seirbheis.’”


Agus thòisich Ìosa air bruidhinn riutha ann an cosamhlachdan: “Chuir duine fìon‑lios, agus chuir e balla timcheall air agus chladhaich e amar‑fìona, agus thog e tùr; agus thug e air mhàl do thuathanaich e agus dh'fhàg e an dùthaich.


Ma bhios rìoghachd roinnte na h‑aghaidh fhèin, chan urrainn dhan rìoghachd sin seasamh.


Thuirt e riutha, “Dhuibhse chaidh dìomhaireachd rìoghachd Dhè a thoirt, ach dhaibhsan a th' air an taobh a‑muigh tha a h‑uile rud ann an cosamhlachdan


Agus bha e a' teagasg mòran rudan dhaibh ann an cosamhlachdan, agus na theagasg thuirt e riutha,


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan