Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 3:22 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

22 Agus bha na sgrìobhaichean a thàinig a‑nuas o Ierusalem ag ràdh, “Tha seilbh aig Beelsebul air! Is ann tro uachdaran nan deamhan a tha e a' tilgeil a‑mach dheamhan.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

22 Agus thubhairt na sgrìobhaichean a thàinig a‑nuas o Ierusalem, Tha Beelsebub aige, agus is ann tro phrionnsa nan deamhan a tha e a’ tilgeadh a‑mach dheamhan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

22 Agus thubhairt na sgrìobhaichean a thàinig a‑nuas o Ierusalem, Tha Beelsebub aige, agus is ann tro phrionnsa nan deamhan a tha e a’ tilgeadh a‑mach dheamhan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

22 Bha na sgrìobhaichean a thàinig a‑nuas à Ierusalem ag ràdh, “Tha e fo smachd aig Beelsebul” agus “'Sann an ainm ceannard nan deamhan a tha e a' tilgeil a‑mach nan deamhan.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

22 Us thuirt na Sgriobhaich, a thainig a nuas á Ierusalem: Tha Beelsebub aige, ʼs gur ann le prionnsa nan deomhan a tha e tilgeadh a mach dheomhan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 3:22
14 Iomraidhean Croise  

Is leòr dhan dheisciobal a bhith coltach ris an neach‑teagaisg aige, agus dhan t‑seirbheiseach a bhith coltach ri a mhaighstir. Ma ghabh iad Beelsebul air maighstir an taighe, nach motha a nì iad sin air a theaghlach!


“Oir thàinig Eòin, chan ann ag ithe no ag òl, agus canaidh iad, ‘Tha deamhan ann.’


Ach nuair a chuala na Pharasaich seo, thuirt iad, “Chan eil am fear seo a' tilgeil a‑mach dheamhan ach tro Bheelsebul, uachdaran nan deamhan.”


An uair sin thàinig Pharasaich agus sgrìobhaichean gu Ìosa o Ierusalem agus thuirt iad,


Ach thuirt na Pharasaich, “Tha e a' tilgeil a‑mach dheamhan tro phrionnsa nan deamhan.”


Chruinnich na Pharasaich agus cuid dhe na sgrìobhaichean a bh' air tighinn o Ierusalem timcheall air.


Ach thuirt cuid dhiubh, “Is ann tro chumhachd Bheelsebul, ceannard nan deamhan, a tha e a' tilgeil a‑mach dheamhan.”


Air aon dhe na làithean sin, nuair a bha e a' teagasg, bha Pharasaich agus luchd‑teagaisg lagha nan suidhe an sin a bha air tighinn às gach uile bhaile de Ghalile agus de dh'Iudèa agus à Ierusalem. Agus bha cumhachd an Tighearna còmhla ris airson 's gun dèanadh e slànachadh.


Aig an àm sin bha Fèill an Ath‑Choisrigidh ann an Ierusalem. B' e an geamhradh a bh' ann,


Fhreagair an sluagh, “Tha deamhan annad. Cò a tha a' feuchainn rid mharbhadh?”


Fhreagair na h‑Iùdhaich Ìosa, “Nach math a tha sinn ag ràdh gur e Samaritanach a th' annad agus gu bheil deamhan annad.”


An uair sin thuirt na h‑Iùdhaich ris, “A‑nis tha fios againn gu bheil deamhan annad. Fhuair Abrahàm bàs, fhuair agus na fàidhean, ach tha thusa ag ràdh, ‘Ma chumas neach m' fhacal‑sa, cha bhlais e bàs gu bràth.’


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan